• Marcas Mac an Tuairneir

The Wee Gatherin

The Poets' Republic / Sròn na h-Abhainne

Club Bobhlaidh Shròn na h-Abhainne / The Trading Post / An Toll-bhùtha

Ma bhios tu a’ smaoineachadh air bailtean mòra litreachais, chan e Sròn na h-Abhainne a bhios a’ tighinn dhan inntinn an toiseach, ach bha grian an t-Samhraidh a’ deàrrsadh is a’ tarraing bhàrd is luchd-èisteachd còmhla airson The Wee Gatherin, am mìos seo. Bha còir aig an fhèis dol air adhart an-uiridh, ach fad an t-siubhail chuir astarachadh sòisealta is trioblaidean le venues bacadh air prìomh neach-prògraim Neil Young. Bha aige ri bhith gu math tionnsagalach airson a rud a thoirt gu buil, agus a’ planadh a rèir na stainge. Gu dearbh, cha mhòr nach do thachair e idir.


Air an dòigh seo, cha robh an comar de thàlant litreachail, ri taobh uisgeachan soilleir an ear-thuath, riamh cho grinn, leis na bha an làthair a’ leigeil osna faochaidh, fhad ’s a thraogh is a shruth an làn. Is dòcha gur ann aig a’ cheann thall a bha na leughaidhean, aithrisean is soidhnidhean bàrdachd a’ tilleadh. Bha mi fhìn am measg nam bàrd is chòrd an cothrom rium glan dàin ùra a leughadh beò ro luchd-èisteachd beòthail.


Bha an fhèis, coltach ris an iris bàrdachd a spreag e, ga ruith gu co-obrachail, gun phrothaid. Thug làthairean ionadail an sàs ann, a’ cur fàilte air luchd-èisteachd nach tric a chunnacas san àite. Nam measg, bha an Club Bobhlaidh, a bha mar Wee Gatherin HQ, le àiteachan eile a’ toirt a-steach bùth chiùird is ionad coimhearsnachd The Trading Post. Chualas leughaidhean al fresco aig cùirt an Tuill-bhùtha, fo chanabhas is air aodann grèine.

B’ e cothrom na Fèinne a bha ga fhaireachdainn tron fhèis agus co-mheas air bàrdachd de dh’iomadach sheòrsa. Bha bana-sgrìobhadairean gu leòr ann, leithid Makar Shruighlea Laura T Fyfe agus Linda Jackson is Lesley Benzie bho Seahorse Publications. Bha Young deimhinnte à bunait trì-chànanach litreachas na h-Alba, le co-chothrom ga shealltainn ro bàird na Beurla, na Beurla Gallta is na Gàidhlig. Mar sin, choilean an fhèis rud na coilean càch – gu seachd àraid Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann – agus spèis cho-ionnan as airidh aca le cothrom meòmhrachaidh às dèidh làimhe. Don bhana-bhàrd ùir Ghàidhealaich, Ceitidh Chaimbeul, is Jo Gilbert, a sgrìobhas ann am Beurla Ghallta an Ear-thuath, b’ e rud aontach a bh’ ann – briseadh crìochan cànanach gun cur romhainn le urracha mòra litreachas Beurla na h-Alba. Am measg nam mion-ghuthan b’ ann aig Paul Malgrati a bha a’ bhuaidh as motha ormsa le, le ath-innse eachdraidh Màiri Bànrigh nan Albannach a bha dìreach drùidhteach – rud nach fhurasta agus i cho tric a’ nochdadh ann an sgrìobhadh na dùthcha seo.



Bha an ceangal eadar òrain is bàrdachd làidir, do-bhriste is do-sgrioste, ann an òrain co-aimsireil aig Caimbeul agus co-sheirm Shian Folk, ga stiùireadh le bana-sheinneadair Dhùn Èideann Joss Cameron. Bha mi fhìn toilichte obair an fhigheadair a chaitheadh bhuam le obair ùr agamsa, air an seinn is an aithris bhon cho-chruinneachadh trì-chànanach agam ‘Dùileach’.


Ach, am measg gach rud a chuala mi, b’ e bàrdachd Mòraig MhicAnndrais, a bhuineas do Ghlaschu, Barraigh is Uibhist a Deas, a thug orm an anail gheur, ris am bi mi an dòchas. ’S rionnag ri èirigh a tha seo agus sin ri fhaicinn san début aice, ri thighinn a dh’aithghearr aig Fly on the Wall press – ‘Sin Is Due to Open in a Room Above Kitty’s’.


Bha Young soirbheachail le bhith a’ cruthachadh àite co-thaiceil, far an do chluinneadh guthan ùra agus sgrìobhadairean stèidhichte còmhla agus far an robh cothrom aig foillsichearan coinneachadh ri luchd-leughaidh.


Eatarra, bha Drunk Muse Press aig Young fhèin is Hugh MacMillan, a chur mu sheòl dà cho-chruinneachadh ùr air an oidhche mu dheireadh – bàrdachd dhlùth-chaidreach aig George Gunn ann an ‘Chronicales of the First Life’ is meòrachadh air beatha, bàs is mulad aig Harry Smart ann an ‘A Plain Glass’. Bha Red Squirrel Press an làthair, a bhuineas do thaobh ear-thuath Shasainn is Sheila Wakefield agus Rymour Books, aig Ian Spring. B’ ann aig Rymour a bha leabhraichean aig Derek J Brown is Jim Ferguson – reubaltan a’ bhriathair labhairtich. A dh’aindeoin agairtean Brown, b’ ann aig Sheena Blackhall agus Spike Munro, bho na h-Eiricich, a bha na leabhraichean a b’ fheàrr. Seach trìlleach beag no dhà as nòs dhuinn air saoghal bàrdachd na h-Alba, b’ e a’ bhrìgh is àbhachd a chùm Munro, Bob Beagrie à Middlesborough, Jim Mackintosh à Siorrachd Pheairt is Hugh McMillan à Gall-Ghàidhealaibh ro luchd-amhairc a bhlàth na bha nan cuideachd ro leughaidhean a bhiodh beagan na bu dhùbhlanaiche dhaibh, ach a chuir dùbhlan fhèin ro ro-bheachdan bàrdachd fhèin. Dhòmhsa dheth, bha fianais dhe sin sna lèirmheasan a chuala mi taobh a-muigh a’ Chlub Bobhlaidh, aig dithis fhad ’s ghabh iad smoc:


‘I didn’t know what to expect with poetry, but some of this had me rolling.’

’S ann le cinnt gun robh tòcadh ann, fad an deireadh-sheachdain, leis gum b’ e sin a’ chiad uair is gun robh uiread bhàrdachd is bàrdachd gan toirt cruinn às dèidh a’ ghlasaidh-shluaigh. B’ ann le cinnt gum biodh drùidhteachd ann, is bha, a dh’fhairich a’ chuideachd mar druim-uisge. Ach, b’ e a’ chiad amas is gun boillsgeadh na rannan sa chathadh-mhara is fo dheò – agus ’s sin a thachair.


An Aghaidh na Stainge


Chaidh am pìos seo fhoillseachadh sa Bheurla an tòiseach anns The National agus faodaidh luchd-leughaidh na Beurla a ghlacadh an-seo. This piece was published first in English in The National and readers in that language can catch it, here.





8 views0 comments

Recent Posts

See All