top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Leig Ort Gur Tusa Alex Cole Hamilton

Oilthigh Oxford / Pàrtaidh Deamocratcaich Libearalach na h-Alba


Tha thu nad sheasamh ann an talla mòr, aig oilthigh cliùiteach, san dùthaich dham buin thu, gun a bhith san dùthaich san d' rinn thu dachaigh. Tha an t-oilthigh am measg nan oilthighean as cliùitiche san dùthaich sa bheil thu an-dràsta. Thoradh sin, agus an smachd a chùm an dùthaich sa bheil thu an-dràsta air an t-saoghal uile gu lèir, fad mòr-chuid de na linntean a dh’fhalbh, tha buaidh mhòr aig an oilthigh sin air an sgeulachd nàiseanta, air an dòigh a bhios daoine a’ smaointinn, air na leugh iad is na leughas fhathast. Tha an t-oilthigh cliùiteach sin air àrd-ùrlar a sgaoileadh romhad, is làn fhios aig a luchd-stiùiridh gu bheil an t-àrd-ùrlar sin a’ dol a thoirt an teachdaireachd agad am meud. Gu dearbh, gu ìre far an cluinnear do chuid fhaclan air feadh an t-saoghail.


Leig ort gur tusa Alex Cole Hamilton, nad sheasamh ann an talla an oilthighe sin. Tha thu a’ bruidhinn ann an aon dùthaich air dùthaich eile. Tha an dùthaich eile, agus a cuid dhaoine, air fàilte a chur ort is tu òg is tha iad air a dhèanamh furasta dhut is dod phàrantan dachaigh a dhèanamh ann, gach nach robh comas aig daoine eile, a rugadh ann, taigh a cheannach aig an àm sin. Chaidh thu gu sgoil phrìobhaideach, chionn ’s gun b’ urrainn do phàrantan na cìsean iomchaidh a phàigheadh. Sin, ged a bha mòr chuid de chloinn cho-aoisich riut ann an sgoiltean coitcheann, a’ strì gus deagh oideachadh fhaighinn tro shiostam eile, ach siostam a tha àbhaisteach, no air àbhaisteachadh, anns an dùthaich sin. Tha thu air tighinn gu aois san sgoil agad, is an uairsin a’ dol dhan oilthigh san dùthaich sin. Rugadh a’ mhòr-chuid a rinn oideachadh dhut aig an sgoil, is aig an oilthigh, san dùthaich sin. Cha robh an t-oilthigh agad buileach co-ionnan ris an oilthigh sa bheil thu an-dràsta, ach tha e coltach ris, gu ìre mhath. Bidh cuid mhath de na h-oileanaich a bh’ aig an oilthigh agad coltach ris a’ chloinn a bha sna sgoiltean eile, is cuid eile de na h-oileanaich coltach ris an fheadhainn a bha san sgoil agad. ’S iad a bha coltach ris an fheadhainn a tha san talla, san oilthigh seo, far a bheil thu ann, a-nochd. Gu dearbh, tha iad gu math coltach riutsa. Chaidh iad gu sgoiltean coltach ris an sgoil agad, is phàigh am pàrantan na cìsean iomchaidh cuideachd. Tha aon rud diofraichte, ge-tà. Cha do dh’fheum do phàrantan cìsean a phàigheadh gus do chur dhan oilthigh agad, san dùthaich air a bheil thu a’ bruidhinn is a’ fuireach fhathast, is chan fheumadh, nam biodh tu a’ dol ann, san là an-diugh. Ach, far a bheil thu an-dràsta, ann an talla an oilthighe, san dùthaich san d' rugadh tu, feumaidh na h-oileanaich, no am pàrantan co-dhiù, cìsean de mhìle air mhìle not a phàigheadh, gach bliadhna, airson an cuid oideachaidh fhaighinn. Sin, ged a chuir am pàrtaidh poilitigeach anns an dùthaich sa bheil an-dràsta, aig a bheil ainm coltach ri ainm a phàrtaidh dham buin thu san dùthaich air a bheil a' bruihdinn, air geall a churnach biodh oileanaich a’ pàigheadh nan cìsean sin. Tha thu a-nis nad cheannard den phàrtaidh sin, san dùthaich air a bheil thu a’ bruidhinn.


Leig ort gur tusa Alex Cole Hamilton, nad sheasamh ann an talla an oilthighe sin, agus deise nàiseanta ort. Chan e an dèise nàiseanta den dùthaich san d' rugadh tu, ach an dùthaich sa bheil thu air a bhith a’ fuireach fad nam bliadhnaichean mòra. Dùthaich a thug dhut cothrom deagh bheatha obrach ann am poilitigs, rud a thug dhut tuarastal math. Leis an eòlas a fhuair thu ann, air d’ oideachadh le daoine a rugadh san dùthaich sin, fhuair thu cothrom obrach eile, a thug dhut deagh thuarastal eile. Às dèidh corra cothrom eile, is corra tuarastal eile, chuir thu romhad a bhith a’ seasamh mar bhall phàrlamaid, san sgìre far an d’ thogadh tu, san dùthaich air a bheil thu a’ bruidhinn. Fhuair thu taic dhaoine a rugadh is a bhios a’ fuireach san sgìre sin, is le sin, chaidh cumhachd a chur nad làmhan, is cothrom buaidh a thoirt air am beatha làitheil. Às dèidh bliadhna no dhà, tha iad air earbsa a chur annad a-rithist is thagh daoine thusa, air feadh na dùthcha sin, air a bheil thu a’ bruidhinn, ’s iad an dùil gum bu tusa an neach as fheàrr airson am pàrtaidh agad a ruith, san dùthaich sin, air a bheil thu a’ bruidhinn. Mar a chanas sinn, sa chànan againn: dà dhiubh gun aon roghainn. Mar a chanadh daoine nad chànan-sa: it was Hobson’s choice, gu ìre mhòr. Chan e is gun robh mòran thagraichean, an robh? Sin ann no às, air an oidhche seo tha aon rud agad ri ràdh:


Nach bu chòir dùthaich sin a bhith ann roimhe, is nach bu chòir an dùthaich sin a bhith ann, san àm ri theachd. Tha thu a' bruidhinn air an dùthaich sin, a thug dhut fàilte, dachaigh, oideachadh, cothrom, tuarastal is cumhachd.

Leig ort gur tusa Alex Cole Hamilton, nad sheasamh ann an talla an oilthighe sin, agus dèise nàiseanta ort, ag innse nach bu chòir an dùthaich dham buin an deise nàiseanta sin a bhith ann, is nach bu chòir a bhith annm san àm ri theachd. Tha thu grinn san aodach. Tha pàtran air, a’ bhios a’ riochdachadh cloinne. Sin buidheann de theaghlaich air a bheil an t-aon chinneadh. Mar thuiteamas, no a dh'aona-ghnothach, is dòcha, tha an t-aodach a’ riochdachadh dhaoine air a bheil an t-aon chinneadh sa bheil ort fhèin. Rugadh is thogadh mòran de dhaoine air a bheil an cinneadh sin, mar a thogadh tusa, san dùthaich air a bheil thu a’ bruidhinn: dùthaich nach bu chòir a bhith ann, cuimhnich. Chan eil an t-aon seòrsa dachaigh, oideachaidh, cothroim, tuarastail is cumhachd air a bhith aig mòran dhaoine air a bheil an cinneadh sin, san dùthaich sin. Tha daoine eile a thogadh ann, no a bhios a’ fuireach ann, nach d’ fhuair an leithid, ged a fhuair thusa, is cha d’ fhuair iad fàilte na bu mhotha. Ach ’s tusa a fhuair. Tha feadhainn nach d’ fhuair air a bhith a’ bruidhinn riut, is a’ sgrìobhadh thugad, fad nam bliadhnaichean mòra, ag iarraidh ort rudan den leithid sin. Gus cuir nad chuimhne, ’s iad fàilte, dachaigh, oideachadh, cothrom, tuarastal, is cumhachd – agus tuilleadh a bharrachd.


Leig ort gur tusa Alex Cole Hamilton, nad sheasamh ann an talla an oilthighe sin, agus deise nàiseanta ort agus tu ag innse do mhuinntir na dùthcha san d’ rugadh tu nach bu chòir dùthaich eile a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd. Tha thu ag ràdh seo, air sgàth rèiteachaidhean a rinn daoine eile ann an 1603 is 1707. Ràinig cuid de dhaoine a bha coltach riuthasan co-dhùnaidhean a bha coltach ris na co-dhùnaidhean a bh' aig càch, roimhe, agus sin ann an 1997 is 2016. Sin mar a tha e an-dràsta. Sin agad deamocrasaidh. Ri linn deamocrasaidh tha làn cead agad na beachdan agad a chur an cèill, mun dùthaich sin, san dùthaich sa bheil thu an-dràsta, is fiù ’s san dùthaich sin, air a bheil thu a’ bruidhinn. Ach, a bharrachd air sin, tha thu ag ràdh gum bu chòir don daoine a bhios a’ fuireach ann, ann an 2023, gabhail ri co-dhùnaidhean aig dhaoine eile, is fiù ’s co-dhùnaidhean a bh’ aca fhèin roimhe, ged nach eil iad den aon bheachd a-nis. Ged a tha iad air na beachdan sin a chur an cèill tro phròiseasan deamocratach, leithid thaghaidhean ionadail is nàiseanta. A-nis, tha iad a’ sireadh dhaib' fhèin na rudan a th’ agad ann am pailteas, is a thug an dùthaich sin dhut: fàilte, dachaigh, oideachadh, cothrom, tuarastal, is cumhachd.


Leig ort gur tusa Alex Cole Hamilton, nad sheasamh ann an talla an oilthighe sin, agus deise nàiseanta ort, agus tu ag innse do mhuinntir na dùthcha san d’ rugadh tu nach bu chòir dùthaich eile a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd, a chionn ’s gum bu chòir do dhaoine san dùthaich sin gabhail ri co-dhùnaidhean a rinneadh ann an 1603, 1707, 1997, is 2016. Ach, sin an rud, mus robh an deise a tha umad na dèise nàiseanta den dùthaich sin, bha e na dèise thùsanach do shluagh tùsanach. Chaidh deiseachan den leithid sin a thoirt bhuapa le daoine a bha gu math coltach ort. Thàinig cuid dhiubh dhan dùthaich air a bheil thu a’ bruidhinn, thogadh feadhainn eile ann, agus le cinnt, is eu-choltach riutsa, rugadh feadhainn a bharrachd ann, cuideachd. Thug na daoine sin an dèise thùsanach bhon na daoine tùsanach, gun a bhith ag iarraidh orra a dhèanamh. Aig an aon àm thug iad air na daoine tùsanach an taighean fhàgail, am fearann fhàgail na fhàsach, an còraichean a thrèigsinn, agus do chànan a bhruidhinn. Ged nach robh iad deònach sin uile a dhèanamh, thugadh orra a dhèanamh. Rinneadh sin tro fhòirneart. Thachair rud no dhà eile a leugh thu ann an leabhraichean, cuideachd, air nach d’ rinn thu iomradh ann an talla an oilthighe sin, anns an dùthaich sa bheil thu an dràsta, a’ bruidhinn air an dùthaich sin, nach bu chòir a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd. Ach, ’s e cnag-na-cùise is gun deach an deise thùsanach sin a thoirt bhon t-sluagh thùsanach dhan do bhuin i, a chionn ’s gu bheil i grinn is spaideil. Is nach tu tha spaideil a-nochd? Is rud eile, tha an t-aodach a tha umad, a’ riochachadh rudan aig na daoine tùsanach a mhaireas, a dh’aindeoin an fhòirneirt a chaidh a thoirt orra: cànan, cultar, cinneadh, dualchas, dùthchas, eachdraidh, dòigh beatha, ceangail ris an tìr, ceangal ris a’ mhuir, ceangail ris an dùthaich sin, ceangal ri dùthaich thar chuain, ceangal ri dùthaich nas fhaisge ri làimh. Rinneadh an t-aon seòrsa rud anns na ceithir dùthaich sin, agus ceudan a bharrachd. Tha thu air sin a leughadh ann an leabhraichean, cuideachd. Is dòcha gu bheil cuimhne agad, ach nach do dh’innis cuid dhiubh, a tha air fhàgail fhathast, an t-aon seòrsa rud riut?


Leig ort gur tusa Alex Cole Hamilton, nad sheasamh ann an talla an oilthighe sin, agus deise thùsanach aig sluagh tùsanach air an d’ rinneadh fòirneirt air sgàth an cànain is an cultair agus tu ag innse do mhuinntir na dùthcha san d' rugadh tu nach bu chòir dùthaich eile a bhith ann, is nach bu chòir an dùthaich sin a bhith ann, san àm ri theachd, a chionn ’s gum bu chòir do dhaoine san dùthaich sin gabhail ri co-dhùnaidhean a rinneadh ann an 1603, 1707, 1997, is 2016. Tha thusa ag ràdh seo san aon chànan a bhruidhinn na daoine a thug fòirneart air na daoine tùsanach aig an robh, is aig a bheil fhathast, cànan is cultar eile is an deise thùsanach ort, fhad ’s a tha thu a’ bruidhinn. Tha e nas fhasa is nas sìmplidh dhut leigeil ort gur e deise nàiseanta na dùthaich sin a th’ innte, gus nach fheum thu beachdachadh cus air na thugadh gu buil, linntean air ais. Tha thu an dùil gur ann air sgàth 's bheil an deise thùsanach sin ort gum bi daoine san dùthaich sin an dùil gur tu an càraid. Gur tu is iad tha maraon. Tha thu ag innse do dhaoine nach bu chòir an dùthaich sin a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd. Agus, seo an rud: sin an t-aon seòrsa rud a chanadh ris an t-sluagh thùsanach sin, dham buinn an deise thùsanach tha mud mhàs: nach bu chòir an cànan a bhith aca no ann, nach bu chòir an cultar a bhith aca no ann, nach bu chòir an cinnidhean a bhith aca, orra is ann, nach bu chòir an dualchas a bhith aca no ann, nach bu chòir an dùthchas a bhith aca no ann, nach bu chòir an cuid eachdraidh a chlàradh, a chuimhneachadh, no a cheasnachadh, nach bu chòir an dòigh beatha a bhith aca no ann, nach bu chòir dhaibh a bhith ceangailte ris an tìr, ceangailte ris a’ mhuir, ceangailte ris an dùthaich, nach bu chòir a bhith ann roimhe is san àm ri theachd.


Anns na teagsaichean air fhàgail, cha tuirt an sluagh tùsanach sin gur tusa as coireach dheth, gu h-iondaibhidiulach, ach chanadh minoritsation ris, sa chànan agad. Cha robh facal aig an t-sluagh thùsanach sin dhan rud sin, mus do nochd do chànan anns an dùthaich sin. Ach, bha ainm tùsanach aig na daoine tùsanach don dùthaich, agus ’s iad a dh’aonaich i ann an ann an 843. Tha thu air sin a leughadh ann an leabhraichean, cuideachd.

Ged nach tuirt thu is nach canadh tu na leanas, bidh daoine eile san dùthaich sin is san dùthaich far a bheil thu an-dràsta, ag innse fhathast do na mhaireas fhathast den t-sluagh thùsanach sin gum bu chòir dhaibh do chànan fhèin a bhruidhinn, a leughadh is a sgrìobhadh, do chultar a mholadh, an cinnidhean a litreachadh – a bh’ aca an toiseach – air an dòigh san litrich thu do chinneadh fhèin, gum bu chòir spèis a bhith aca ro do dhualchas, ro do dhùthchas, ro d’ eachdraidh, is ro do dhòigh beatha. Ged a tha an tìr is am muir air an truailleadh le daoine aig a bheil do chànan fhèin, is cànanan eile, tha cead aig daoine aig a bheil do chànan, aig a bheil do chultair, a bhith ceangailte ris an tìr, ceangailte ris a’ mhuir, ceangailte ris an dùthaich nach chòir a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd.


Tha cuid den t-sluagh thùsnach, is cuid a dh’ionnsaich an cànan, air innse dhut nad chànan fhèin gu bheil iad seac searbh sgìth, ach ged a tha thu air èisteachd riutha – is dòcha – chan eil thu air mòran a dhèanamh, fhathast. Thug thu òraid seachad, ge-tà, ann an talla an oilthighe sin, san dùthaich san d’ rugadh tu.

Leig ort gur tusa Alex Cole Hamilton, nad sheasamh ann an talla an oilthighe sin, agus deise thùsanach aig sluagh air an d’ rinneadh fòirneirt air sgàth an cànain is an cultair is tu ag innse nad chànan fhèin do mhuinntir do dhùthcha fhèin nach bu chòir dùthaich eile a bhith ann a chionn ’s gum bu chòir do dhaoine san dùthaich sin gabhail ri co-dhùnaidhean a rinneadh ann an 1603, 1707, 1997, is 2016. 'S beag do smuain air an aodach a tha umad, is gum bi e a’ riochdachadh barrachd air do chinneadh, air a litreachadh a-nis nad chànan fhèin. A bharrachd air sin, bidh e a’ riochdachadh cànan, cultar, dualchas, dùthchas, eachdraidh, dòigh beatha, ceangal ris an tìr, ceangal ris a’ mhuir, ceangal ris an dùthaich nach bu chòir a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd. Nach e tha inntinneach is aon phìos aodaich a’ riochdachadh uiread de rudan?


’S beag do smuain air an t-sluagh thùsanach dham buin an deise thùsanach sin, is a mhaireas fhathast, ach d’ fhaodadh tu ràdh gu bheil iad a’ fulang fhathast an t-aon seòrsa rud a dh’fhuiling iad roimhe is a dh’fhuilingeas san àm ri teachd, mura a dèan cuid rud. Tha feadhainn aca air sin innse dhut. A bharrachd air sin tha an EU, an UN is UNESCO air sin innse dhut cuideachd. Ach, fhad ’s a tha an t-aodach grinn is tu cho spaideil is e umad, chan fheum thu beachdachadh air sin. ’S e tha cudromach do theachdaireachd a thoirt seachad. Sin, nach bu chòir an dùthaich sin a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd. Nach e tha inntinneach a bhith a’ seachnadh rudan gus do theachdaireachd a thoirt seachad? Ach, sin an seòrsa pribhleid a bheir fàilte, dachaigh, oideachadh, cothrom, tuarastal is cumhachd. Cuimhne leat gun d’ fhuair thu sin uile san dùthaich air a bheil thu a’ bruidhinn.


Fhad ’s a tha fàilte romhad ann an talla an oilthighe sin, cha robh fàilte ron t-sluagh thùsanach an cuid beachdan a chur an cèill ann, nad chànan no sa chànan aca fhèin, air an oidhche sin. Fhad ’s a tha dachaigh agad san dùthaich sin, tha e doirbh dhaibh taigh a cheannach sna sgìrean san d’ rugadh is san d’ thogadh an sluagh tùsanach sin, san dùthaich sa bheil iad a’ fuireach. Fhad ’s a bha oideachadh agad, is aig na h-oileanaich ris a bheil thu a’ bruidhinn, cha b’ urrainn dhan t-sluagh thùsanach oideachadh fhaighinn tron chànan aca ron na h-80an agus, san là an-diugh, chan eil oideachadh tron chànan aca ri fhaotainn anns gach sgìre san d’ rugadh is thogadh iad is san dùthaich sa bheil iad a’ fuireach. Fhad ’s a tha cothrom agad san dùthaich sin, chan eil cothrom mòr ach cothrom beag aig an t-sluagh thùsanach an cànan aca fhèin a bhruidhinn, a leughadh no a sgrìobhadh taobh a-staigh an t-siostaim laghail is reachdail, ri linn phoileasaidhean riaghaltais na dùthcha sin, san d’ rugadh is san d’ togadh iad, is sa bheil iad a-nis a’ fuireach. Fhad ’s a tha tuarastal agad san dùthaich sin, tha gnìomhachas traidiseanta air crìonadh sna sgìrean dham buin an sluagh tùsanach sin, san d’ rugadh iad is san d’ thogadh iad is san dùthaich sa bheil iad a-nis a’ fuireach. Fhad ’s a tha cumhachd agad, chan urrainn don t-sluagh thùsanach an cuid beachdan a chur an cèill tron chànan aca ach air aon shianal telebhisein nàiseanta, ach air aon stèisean rèidio nàiseanta. Is beag an cothrom, is mar sin an cumhachd, an cuid bheachdan a chur an cèill tron chànan aca, ann an leabhraichean is tron na h-ealain oir tha mòr-chuid den na cothroman pàighte sin a dhèanamh aig daoine aig a bheil an cànan agad fhèin. Anns an dùthaich san d’ rugadh is san d’ thogadh iad, sa bheil iad a-nis a’ fuireach, agus dham buin iad. San dùthaich a tha fo làmh làidir do chumhachd is daoine eile aig a bheil do chànan fhèin, a-mhàin.


Agus mu dheireadh, ged a tha thu fiosraichte gu leòr, agus fàilte, cothrom, àite, oideachadh, cothrom, tuarastal is cumhachd rudeigin a dhèanamh gus am paradaidhm sin, an siostam sin, gus an dùthaich sin atharrachadh, chan eil thu air sin a dhèanamh. Chan eil thu air bruidhinn ma dhèidhinn, ach air an oidhche sin, thuirt thu nach bu chòir an dùthaich sin a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd. Agus rud eile, ann an cànan an t-sluaigh thùsanaich sin, is ‘fèileadh’ a tha umad, ged a chanadh tusa ‘kilt’ ris. Rinneadh am fèileadh sin le tartan – facal a th’ air do theanga, ged a bhuineas e do chànan an t-sluaigh thùsanaich. Tha an ‘cinneadh’, rud a bhios am fèileadh is an tartan a’ riochdachadh, a’ ciallachadh dà rud: ‘surname’ agus ‘kinship’. Agus rud eile, tha am fèileadh is an tartan sin a’ riochdachadh facal eile a th’ air do theanga, ged a bhuineas e do chànan an t-sluaigh thùsanaich. Sin agad ‘clann’, mar a th' agad 'clan', ach tha e a’ ciallachadh rud eile, cuideachd: ‘children’.


An Aghaidh na Stainge


Leig ort gur tusa Alex Cole Hamilton. Tha deise Ghàidhealach mu do mhàs, cinneadh Albannach ort, is dachaigh agad ann an Alba. Fhuair thu oideachadh Albannach ann an Alba is cothrom na Fèinne ann an Alba tuarastal Albannach a chosnadh. Tha cumhachd agad air Gàidheil, Gall is Albannaich Ùra, is tu nad bhall Pàrlamaid na h-Alba, an lùib Riaghaltas na h-Alba.


’S beag do smuain, ged a tha dachaigh, oideachadh, cothrom, tuarastal is cumhachd, a bharrachd air cànan, cultar, dualchas, dùthchas, eachdraidh, dòigh beatha, ceangal ris an tìr, ceangal ris a’ mhuir, ceangal ris an dùthaich nach bu chòir a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd, air fhighe ri chèile san tartan leis an d’ rinneadh Albannach am fèileadh a tha mud mhàs a-nochd, ’s tu nad sheasamh, a’ bruidhinn sa Bheurla, ann an talla Oilthigh Oxford, ann an Sasainn, air Alba. Tha fàilte romhad sin a dhèanamh an sin. Agus tha fàilte romhad an ceudna leithd a dhèanamh an seo, ann an Alba – dùthaich nach bu chòir a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd. Sin, nad bheachdsa co-dhiù. Do thoil fhèin, mar a thogras tu.


San là an-diugh, tha pàiste, badeigin an Alba a’ faicinn Alex Cole Hamilton MSP, is ag èisteachd ris na bh’ aige ri ràdh. ’S e an obair as cudromaiche a bhios againn san àm ri theachd, gun a bhith a' leigeil orra smaointinn nach bu chòir Alba a bhith ann roimhe, is nach bu chòir a bhith ann, san àm ri theachd.



As a Yorkshireman and an Edinburgh-based New Scot, I have lots in common with my countryman, Alex Cole Hamilton MSP. As a Gaelic speaker, who learned the language, who does not belong to the Highlands and Islands, I do not claim to be an indigenous person, and I accept that it remains controversial to refer to Gaels in Scotland, Canada, Ireland or Man as such. I have read enough of Gaelic poetry and sung enough Gaelic songs, that would allow me to evidence historical and contemporary events alluded to here, with first-person testimony, gathered across this literature of record. This, however, is a blend of dystopian prose poetry and flash fiction, which may or may not not be that fictitious.


The UN has defined indigenity as:


  • Strong link to territories and surrounding natural resources

  • Distinct social, economic or political systems

  • Distinct language, culture and beliefs

  • Form[ing] non-dominant groups of society

  • Resolve to maintain and reproduce their ancestral environments and systems as distinctive peoples and communities

I acknowledge the role of displaced Gaelic-speakers in colonisation in other parts of the world the impact of this on BIPOC historically and in the contemporary era. I also acknowledge and applaud the efforts of communities in areas, such as Nova Scotia, where sharing of historical and contemporary lived experience leads initiatives seeking to encourage acknowledgement, understanding, reconciliation and a shared love of language and culture.






19 views0 comments

Recent Posts

See All

Comments


bottom of page