top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Luaidh Albannach Edwin Morgan

Alycia Pirmohamed / Gavin Bryars ⁊ Capella Nova / Karine Polwart ⁊ Paul Milligan

Urras Edwin Morgan / Fèis Iomall Dhùn Èideann / Taigh-cluiche New York Times is air loidhne - ri fhaicinn an-seo



A-raoir, chaidh tachartas a chumail aig Fèis-leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann gus bliadhna thar cheud o rugadh Edwin Morgan a chomharrachadh. Thug e a-steach bàrdachd aig Alycia Pirmohamed le tionndaidhean ceòlmhor air bàrdachd Morgan le feadhainn de na dàin as motha a chòrdas ri luchd-leughaidh, nam measg.

Ged a b’ e ‘Songs for Scotland’ a-mhàin a thugadh air, chòrd an tachartas ri luchd-èisteachd, a chunnaic beò an dàimh eadar bàrdachd is ceòl. B’ e na bha inntinneach a dòigh a thug an cothrom seo air diofair luchd-ealain sin a eadar-mhìneachadh.

Air a chur air dòigh le Urras Edwin Morgan, ’s ann am measg nam pròiseactan aige a tha duais shònraichte do bhàrd – agus an turas seo, bana-bhàrd – fo thrichead bliadhna dh’aois agus a tha air ciad cho-chruinneachadh slàn a sgrìobhadh, gun fhoillseachadh. ’S i Alycia Pirmohamed a bhuannaich an duais an turas mu dheireadh a chaidh a buileachadh, is thathar an dùil ris an leabhar aice aig Polygon, rè ùine. A-nochd, leugh i tagh de bhàrdachd bhon phamflaid aige – Hinge – agus obair ùr.


’S ann air Piormohamed a tha ainm a chluinneas tric am measg bàrd ùra an là an-diugh is i air cliù a chosnadh mar phàirt den bhuidheann Lìonra Sgrìobhadairean BAME na h-Alba, a cho-stèidhich i ann an 2018. Thar nam beagan bliadhnaichean a dh’fhalbh, tha am buidheann, agus Pirmohamed aig a’ cheann, air tòrr dheagh obrach a dhèanamh gus riochdachadh is tàlant sgrìobhadairean de dhath a thoirt air aghaidh. B’ e seo a’ chiad uair a chunnaic mi i, a’ leughadh a cuid bàrdachd fhèin, ge-tà, is bu lèir, gun teagamh, is gun robh i airidh air a duais.


Anns na leughaidh aice, bha coimeasgadh nan àiteachan dha bhuineas i – Ailbearta Chanada is Dùn Èideann, le iomradh air creideamh Ioslaim is àiteachan air an t-saoghal Mhuslamach, leithid Dar-es-Salaam. Gus ar toirt air slighe tron bhàrdachd is na dàin fhighe ri chèile, thagh Pirmohamed feadhainn agus nàdair aig cridhe cùise dhi. Mar sin, bha ciùineas is staigh-shealladh ann, beachdan sna ciad dhàin a’ tuiteam a-steach do shèimhe uisge, airson is gum fàsadh na cuairteagan.


Imagine we are elk walking into tall grass.

This dream is the sky opening,

this dream is a river of faces.

Bha corra dàn a thug a-steach cànan saidheansail – coincheapan nach do chiallaich mòran dhòmhsa - ga shuidheachadh ann an dàin bha na bu rosgaile. Leis na dàin seo, dh’iarr mi tuilleadh a thuigsinn agus carson a bha iad cudromach don sgrìobhadair – dàin a dh’obraicheas nas fheàrr air an duilleig, ar leam. B’ e a bha a dhìth is beagan a bharrachd air a thàrsainn às a’ bhith-eòlas is luibh-eòlas, is dòcha, seach iomradh a-mhàin a dhèanamh orra. Air an àrd-ùrlar, bha Pirmohamed nas soirbheachaile is i socair am measg an deilbh-thìre agus nochd ùrnaighean uair is uair, gus seachd àraid ann am ‘Faded’ agus cuideachd ann an “Elegy With Two Elks and a Compass”.



A’ toiseachadh le fois is fèatha Pirmohamed, bha sinn an uairsin gar toirt tro choileanadh ciùil chlasasigich ùir far an deach fuinn a chumail ri còig sonaidean Morgan airson suite ciùil cho-sheirmich is cho-aimsireil. B’ e coimisean ùr a bha seo a fhuair an ceòl-sgrìobhadair cliùiteach Gavin Bryars, a’ cleachdadh dhàn a bhruidhinn air reifreann an sgaoilidh-chùmhachd ann an 1979, a dh’fhoillsich Morgan ann an 1984.


Chaidh an ceòl ùr a sheinn leis a’ chòmhlan a cappella Cappella Nova agus on a bu cheòl còisir ùr a bha fa-near dhuinn, bha e doirbh a chluinntinn gun choimeas a dhèanamh eadar sin agus tionndaidhean John Tavener de bhàrdachd Uilleim Blake, agus The Lamb, gu deimhinne. Mas daoine a tha dèidheil air ceòl den leithid, còrdaidh seo riutha cuideachd agus ’s e bha math bàrdachd Morgan ga thoirt a-steach do raon ceòl clasaigeach na dùthcha seo.

Do chluais nach eil cleachdte cho mòr ri ceòl den leithid, cha b’ urrainnear sheachnadh gur e rud gu math high brow a bh’ ann. Le blas Ghlaschu cho mòr na phàirt de shaothair Morgan, bha e doirbh uaireannan a bhith a’ cur an stoidhle àraid, san deach an co-sheirm a dhèanamh, gu taobh agus a bharrachd air sin am blas RP anns an deach an coileanadh a lìbhrigeadh. Ged as rud air leth an ceangal a dhaingeann eadar ceòl clasaigeach is bàrdachd, bha rudeigin fìor Albannach ga chall, nach cluinnear ach anns na h-ainmeanan-àite – Broomielaw, Rottenrow, Anniesland is Necropolis Ghlaschu. A-rèir a h-aithrise aig bean-an-taighe is cathraiche an Urrais, Robyn Marsack, b’ iad na h-ainmean-àite seo a bha “gun bhrìgh bàrdachd”, agus, b’ ann anns an agallamh le Bryars a thog i ceist am bu chòir am fàgail a-mach às an dreach ùr a chuireadh air a’ bhàrdachd. Dhòmhsa dheth, bha an caochladh fìor, agus iad deatamach don neach-èisteachd son freumhan a’ chiùil, a bha ann an grunn dhòighean cian, a chur sìos ann am fearann Ghlaschu fhèin. Chan urrainn dhuinn seachnadh ceòlmhorachd sna log-ainmean tùsail againn agus anns na cànain Albannach againn fhìn.


Le tachartas den sheòrsa seo, dh’fhàg mi e is mi a’ faireachdainn gun robh rudeigin a dhìth sa churaideachadh – giorrachadh coileanadh den cheòl-còisir, is dòcha, gun ach co-sheirm no dhà ga chur romhainn, a dh’fhàgadh àite airson tuilleadh nua-bhàrdachd.

Bha Pirmohamed gu math leatha fhèin, a’ cumail cor nam bàrd ùr, agus bheireadh e tuilleadh don choileanadh aice-se bàrd eile a chluinntinn cuideachd, airson coimeas a dhèanamh eatarra. Bheireadh siud cothrom don Urras bàrdachd na Gàidhlig a chur ann, is dòcha, agus iad air a bhith ag obair le dithis – Seòna NicGhillGhiondaig is Robaidh MacLeòid – am measg nan pròiseactan eile aca. B’ e samhail a bha seo den fheallsanachd ron Ghàidhlig a tha ri fhaicinn ann am prògramadh na fèise air fad, gun ach dithis sgrìobhadair na Gàidhlig, a chòrdas ri urracha mòra na Beurla, ri fhaicinn am measg nan ceudan a bhios ag obair tron Bheurla.


On a b’ e ‘Songs from Scotland’ a thugadh air a’ chùis, ’s an-seo, seach ann an àite sam bith eile, a bhiodhar an dùil na trì cànan litreachail an nàisein a chluinntinn ann agus on a chaidh ealain na Gàidhlig fhàgail gu taobh, gun iomradh sam bith oirre, chaill sinn rudeigin den iolrachd tùsail againn leis an às-dhùnadh sin.

Air an taoibh eile, rinneadh deagh luaidh air ceanglaichean eadar Alba is Canada, le bàrdachd Pirmohamed agus agallamh le Bryars, a bhuineas do Goole ann an Sìorrachd Eabhraige agus a dh’fhòn a-staigh o Cholumbia Bhreatainneach. Mar sin, bha cothrom ga thoirt dhan na Nuadh Albannaich agus luchd na Galldachd, an cuid ealain fhèin a dhèanamh le saothair Beurla Mhorgain.


B’ e an co-tàthadh ann eadar ceòl, seinn agus am facal labhairteach aig Karine Polwart agus Dave Milligan a shoirbhich a bu mhotha agus a thàinig san dealachadh. Ar leamsa am b’ fheàrr an dàrna òran aca-sa a chur air tòiseach ghnothach, gus an òran eile a chluinntinn aig a’ chrìch. Bha na liricean ùra ann an ‘Siccar Point’ sònraichte – pìos air a thoirt bhon chlàr ùr aca Still As You’re Sleeping - a sheas misneachail gu leòr ri taobh bàrdachd Mhorgain. Bu shin a bha san òran eile is briathran a’ bhàird gan cur romhainn a-rithist, sa choimisean a fhuair iad aig Celtic Connections is Urras Edwin Morgan, beagan bhliadhnaichean air ais. B’ e siud ‘The Good Life’, far an do chuireadh dùbhlan ro Polwart òran ùr a dhèanamh dhen dàn cliùiteach aig Morgan.



B’ ann anns an rud seo a chluinneadh as motha de thionngsalachd agus Karine air an dàn a shràcadh o chèile gus rudeigin gu tur ùr a dhèanamh dheth, ri ath-aithris corra loidhne, gus a chur an cruth òrain. B’ e sin a rud a thug an tachartas gu ìre eile dhomhsa is a dh’fhàg mi a’ faireachdainn gun deach dìleab Morgan a chleachdadh ann an dòigh a bheireadh dreach ùr air a chuid obrach agus a bhuaidh air a’ mhòr-chuid, le òran bheireadh tòcadh dhaibh, ge b’ e cò iad. ’S e an coiteantachd a tha ann an traidisean na h-Alba, agus seinn Polwart, a dh’fhigh sin a-steach dhan oidhche. Às aonais, tha mi an dùil gum biodh an tachartas air amais air luchd-acadamaigeach a-mhàin – agus àite son a leithid aig fèis chliùiteach Dhùn Èideann – ach le bàrdachd Morgan, a tha cho tarraingeach do shliochd na h-Alba is iad cho measail air an duine fhèin, ’s fheàrr gun a bhith a’ gluasad ro fhada air falbh bho bhrìgh na bàrdachd, a bhruidhneas riut gu soilleir, gun fheum air sgeadachadh.


An Aghaidh na Stainge


Faodaidh luchd-amhairc air feadh an t-saoghail an tachartas fhaicinn às dèidh làimhe gu ruige 26mh an Lùnastail, air loidhne.


Bha Marcas a' bruidhinn air an tachartas seo le Cathy NicDhòmhnaill air Feasgar an-diugh, agus faodaidh luchd-èisteachd an t-agallamgh a ghlacadh tro BBC Sounds.







25 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page