top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Jessie Ware / Spotlight

Updated: Mar 20, 2020

PMR / Friends Keep Secrets / Interscope Records


Ath-luchdachadh Didseatach - ri fhaotainn an-seo

Às dèidh greis air falbh bon àrd-ùrlar, na màthair ùr, tha Jessie Ware air cion sorbheachas a’ chlàr mu dheireadh aice – Glasshouse – agus sàr-chliù pod-chraolaidh a’ bhìdh aice, gus tilleadh dhan tùs le òran singilte ùr.


Jessie Ware Spotlight

Chleachd Jessie an ùine gus beachdachadh air an t-seòrsa ciùil a bheireadh dùsgadh dha, a bhith a’ tilleadh gu aoibhneas is sìth agus a bhith fàgail a’ mhulaid, a bha cho mòr na phàirt den chlàr mu dheireadh, gu taobh

Nan dèanainn liosta de na h-òrain dhan till mi tric, bhiodh ‘Running’ aig Jessie Ware faisg air mullach an liosta. Eadar an loidhne-beusa suainealach, na guthan cruinnichte sèimh is an fhadachd aig cridhe na bàrdachd, ’s e òran as fhaide a mhaireas, ge b’ e dè fasan ciùil a thig is chrìonas. Le gach clàr a tha i air cur mu choinneamh luchd-èisteachd, tha an aon ghuth moit air a bhith ann, am measg farsaingeachd fhonn, ged nach tàinig gin de na h-òrain faisg air caithream ‘Running’, gu ruige seo.


Leis an òran ùr a tha seo – ‘Spotlight’ – tha Jessie air ais far am bu chòir dhi bhith ann – teas-mheadhan an ùrlair-dannsaidh, a’ toirt seachad glàmair agus miochuis le slapastar mòr anama. ’S iad fuaimean nan seachdadan a tha rin cluinntinn an-seo, a dheachd, le cinnt, an loidhne-beusa fiamhlanach is ceòl dìorrasach nan teudan. Sin grìtheadan laoidh mhòir bhlasta agus, às dèidh dhomh èisteachd ris turas no dhà, bhuail e orm gum b’ e siud a bha dhìth orm aig Jessie, eadar seo is sin – òran mòr misneachail a dhùsgadh an spiorad.


Bhon na ciad loidhnichean air an seinn gun ach le ceòl na fìdhle air a cùl, bhiodh tu an dùil, is dòcha, gur e òran-tèama an fhilm ùir aig Bond a tha seo. Le ciad shreathan a tha coltach ri toiseach ‘Nobody Does It Better’ aig Carly Simon, tha na h-aon blues ann, ann dà chuid sa ghuth is sna fìdhlean. Ach 's e a leasaicheas rudeigin a tha nas togarraiche buileach na am balanta binn sin. Gu dearbh, 's e òran diogso a tha fainear dhuinn an-seo, ach diosgo don linn sa bheilear beò.


Mar sin, tha nàdair ‘On The Radio’ le Donna Summer aig an òran - chan urrainear a sheachnadh - mar a thoisicheas e gu ciùin is a thèid a thogail, ceum air cheum, gus an ruig e an àrd. Ach, ’s e clàr nas òraganaiche na sin a th’ aig Jessie, ge-tà, a sheachnas na h-ionnsramaidean staoineach aig Donna airson bìogan phlastaigeach mun deireadh, airson blas teachd-shaoghalach a chumail ris a’ cheòl-taice. Mus tig i gu crìch, bidh Jessie ag agairt nach sguir a’ ghrian èirich, nach sguir cridhe a bhualadh, nach sguir gille a rùin a chreidsinn – an susbaint as àbhaistiche a chualas riamh ann an ceòl pop – ach sa Mhàrt, 2020, 's e an teachdaireachd a tha a dhìth oirnn uile.


Tha e math Jessie fhaighinn air ais agus, leis an òran seo, tha mi an dòchas gum bi e fada mus seachain i an spot-solas a-rithist.

Dealbh: Carlijn Jacobs / Interscope Records


An Aghaidh na Stainge


Tha Jessie an dùil an ceathramh clàr aice ‘What’s Your Pleasure?’a chur a-mach san Òg-mhìos. Gabhaidh e a-steach an t-òran singilte ‘Mirage (Don’t Stop)' a sgaoil i an-uiridh. Tha i air a bhith trang anns an stiùidio còmhla ri deagh charaid, James Ford, a bha, am measg dhaoine eile, gu mòr an sàs ann an riochdachadh a’ chlàir. Chlàraich Jessie bhidio-ciùil airson ‘Spotlight’ ann am Beograd, an t-Sèirb, far an robh i a’ cumail ceilidh bheòthail air An Trèana Ghorm, a bha aon uair aig an deachdair Iùgoslabhach is i am measg treud de neònachain fhasanta, rin dannsa is tòrr fealla-dhà. Cumaibh sùil a-mach airson a’ chòmhlain-umha aig an deireadh.



47 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page