Gàrraidhean Cheàrnagh Sheòrais / Dùn Èideann
Le teas an t-samhraidh a’ briseadh beagan an Dùn Èideann, dh’fhalbh mi fhìn is mo chèile airson oidhche mu dheireadh de dh’Fhèis Biadh Dhùn Èideann, a bha ann an Gàrraidhean Cheàrnag Sheòrais uair eile. Ged a bha mòran de na bùithtean air an dùnadh airson falbh tràth, bha gu leòr ri fhaicinn ann agus blasad de dhiofar sheòrsa bìdh gu dearbh.
Chaidh an fhèis a stèidheachadh ann an 2015, ga ruith fad còig làithean mar phàirt de Bhliadhna Biadh is Deoch na h-Alba. Tha grìtheidean Albannach aig cridhe cùise, a’ tarraing cruinn luchd-bìdh o gach ceàrnaidh na dùthcha. Tha taisbeanaidhean air a bhith ann aig feadhainn den chòcaraichean as fheàrr, a’ toirt a-steach Carina Contini (Contini), Scott Smith (Fhìor) [sic] agus Derek Johnstone – ciad bhuannaiche MasterChef: The Professionals. Às dèidh dhi stèidheachadh ann an 2015, tha còrr is 35,000 de luchd-tadhail air a bhith ann. O chionn 2019, tha an fhèis ga ruith fad deich là.
Fhuair mise an àrainn gu math fàilteachail is fosgailte, a dh’aindeoin luchd-dìon, a’ cumail riaghailtean an astarachaidh shòisealta ann. Bha bùird fiodha ann am meadhan nan gàrraidhean, far an faigheadh daoine
faochadh is cothrom am biadh is deoch a mhealadh ann an dithisean agus buidhnean beaga.
Bha deagh fharsaingeachd de thaghadh ann fhathast agus ged a bha am biadh Hawaiianach tàlach aig Tha Fat Flamingo, thaghadh mise biadh Àisianach aig Prime Street Food. Bha an fheòil-circe chriospach Choirèanach ann am bonnach bao nas motha na bha mi an dùil, is gu math saor – mu £5. Ghabh mise mo leòr agus coleslaw Àisianach na chois is sìol seasmain dhuibh.
Ghabh Iosua blasadh an Ear Mheadhanaich, a’ dol gu Chick + Pea airson felafel glas agus halloumi a bharrachd. Na chois bha hummous, tomatothan is picilean agus sabhs tahini le iogart creamha. Chòrd sin ris gu mòr agus na bu mhotha de bhiadh ann, airson cosgais na b’ àirde.
Bha biadh is deoch ionadail ri fhaicinn ann, le bùth aig taigh-grùide Bellfield. Ghabh Iosua an leann dubh Daft Days, nach robh ceart cho trom ri Guinness ach blas molaiseis air. Dhòmhsa is mi a’ seachnadh alcol gu tur, bha e na bhriseadh dùil is gun robh cuideam mòr ga chur air deoch làidir. Ach bha mi toilichte taghadh fhaicinn aig a’ bhùith Spàinnich Moskito’s, far an do ghabh mi sùgh ùr orainseir a bha an dà chuid geur is milis. Airson dhaoine eile, bha Agua de Valencia is Sangria, le fìor bhlas an Levante air na bha iad a’ cuir ro fhreastalaichean.
Cha b’ urrainn dhuinn seachnadh a’ phatisserie Eadailteach aig Italian Maria’s Cakes. Ghabh sinn cannoli le cnò-challtainn a bha tiugh is blasta. Gue leòr dhuinne le fear a-mhàin aig gach duine againn.
An Aghaidh na Stainge
Le ciaradh a’ tighinn air an oidhche, dh’fhalbh sinn airson àite fo mhullach a lorg is deoch eile a ghabhail. Bha sinn toilichte The Dagda fhaicinn fosgailte air Sràid Buccleuch – àite far nach robh mise o chionn mòran bhliadhnaichean. Feumaidh gu bheil am bàr seo am measg nas lugha de taighean-seinnse sa chathair-bhaile, le sgeadachadh rustach agus mataichean leanna mun cuairt a’ mhullaich. Bha e coltach gur e sluagh cruthachail a bhios bitheanta san àite agus còmhraidhean timcheall air leabhraichean is ealain a’ dol. Chòrd an oidhche rinn gu mòr agus bidh sinn air ais airson pinnt – sugh liomaid dhòmhsa – agus geama-bùird, rè uine.
Comments