top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Creideamh is Cabhan Fuar-chràbhaidh

Ceit Fhoirbheis BPA / Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba / Na h-Eaglaisean Saora

Dealbh bhon Daily Record


Thar nam mìosan a dh’fhalbh, ri linn farpais ceannard ùr a’ Phàrtaidh Nàiseanta, ’s mòran a chaidh innse a thaobh creideimh is na buaidh a bheir sin air sealladh Gàidhealach air an t-saoghail. Tro mheadhan Ceit Fhoirbheis, tha sùil na dùthcha air a bhith air an Eaglais Shaoir, is creideamh a tha cumhang is neo-chaochlaideach am beachd cuid. Ach, ri linn sin, tha e doirbh droch thròpaichean a sheachnadh am faclan luchd-sgrùdaidh, a bhuineas, mar as tric, don Ghalltachd is coimhearsnachdan a’ bhaile mhòir. Bidh gnàth-ìomhaighean air an cleachdadh fhathast aig luchd nam meadhanan a bheir buaidh air gach duine na Gàidhealtachd, air am frèamadh mar shluagh ais-sheallach le beachdan seann-fhasanta, an coimeas ri in-ghabhaltas an là a th’ ann. Anns an rud sin, tha gamhlas gu leòr nach dèan luaidh air farsaingeachd bheachdan poilitigeach is cràbhach a tha rin cluinntinn am measg choimhearsnachdan ionadail is coimhearsnachd nàiseanta na Gàidhlig.


B’ e modh an luchd-iomairt an lagh a nochdadh ro Fhoirbheis. Mar thè a sheasas air bunait libearalachais, is dòcha gum faighear fuasgladh leatha, air an dòigh sin. Ach, mas ise tè a leanas riaghailt an eaglais, cuidheachd, dh’fhaoadadh gum faigheadh daoine le beachdan adhartach cothrom a baraill a thilleadh tro mhodhan eile. Gu seachd àraid, ma thathar gu bhith a’ dèiligeadh ri luchd-poilitigs a bhuineas do dh’Eaglaisean Crìostach air feadh na(n) rìoghachd(an).


Tha feadhainn air a bhith tuilleadh is deònach deagh rabhd a chur an cèill air na meadhanan sòisealta, is tron na meadhanan mòra mar an ceudna, is tha àite son sin. Air an làimh eile, ge-tà, mar a tha sinn air fhaicinn tric thar nam bliadhnaichean a thaobh chùisean LGDTC, tha cus fuaim air a bhith ann, far a bheil an strì is tàthagan air guthan ciallach a mhùchadh.

Mar a chanas sinn sa chànan eile agus a thaobh creideimh eile: mura tig a’ bheinn gu Mohammad... Le Fhoirbheis is dòcha gum b’ fhiach sùil a thoirt air na th’ aig bunait bheachdan Crìosdach, anns na beagan earrannan sgriobtair air a bheil iad an crochadh is iad an aghaidh fearais- is banais-fheise, fiù ’ ann an 2023. Tha an anailis seo air a dheachdadh le leabhar a leugh mi o chionn ghoirid aig Matthew Vines, a bhuineas do dh’eaglais chlèireach ann an Wichita, Kansas. Thugadh aire an t-saoghal air Vines blaidhna deug air ais, nuair a chaidh òraid aige a sgaoileadh air YoutTube is a ghlèidh 1.2 millean de luchd-amhairc. Lean Vines air leis an obair chudromach seo, a’ cleachdadh sgriobtair gus fìrinn na cùise a lorg tro fhìrinn nam briathran. Dh’fhoillsich e an leabhar God and the Gay Christian ann an 2014. Fhad ’s a bha Fhoirbheis an sàs ann an agallamhan is deasbadan a thaobh beatha is còraichean LGDTC, is mi fhìn a’ toirt anailis air sin, airson BBC Radio nan Gàidheal, chuir mi thuice an leabhar. Bha mi an dòchas gun leughaidh i e, oir ’s ann le cinnt gun tug e cruth-atharrachadh air mo bheatha, mar chuid gèidh eadar-ghnèitheach, a chaidh a bhaisteadh is a thogail san Eaglais Chaitligich.

Nuair a bha mise ag èirigh suas, is ann an foghlam caitligeach, ’s tric a bhiodh sgriobtair fhèin a chleachdadh orm, aig luchd-teagaisg is sagairtean, gus mo stiùireadh air ais, sìos rathad a dh’ionnsaigh an t-solais. Sin am beachd a bh’ acasan, co dhiù, is aig mullach an liosta bha bailtean a’ chòmhnaird (Genesis 19:29) ged as fhada o chaidh an leagadh. B’ ann anns na sgeulachdan seo a fhuaireas am facal ‘sòdomas’ ann an grunn chànanan an t-saoghail – facal a chleachdadh ri linn eucoireachaidh gus sàr dhaoine, leithid Oscar Wilde is John Gielguid – is mòran eile gun ainmeachadh tro eachdraidh – ann am prìosan. ’S e pronnas nam bailtean seo a tha aig cridhe co-luadar Crìostaidh fhathast – cho fad ’s a tha gin de cultaran dhùthchannan an Iar ‘Crìostaidh’ san là an-diugh, mar a bha, co-dhiù.


Tha mic-thalla de phrìomh earannan Ghenesis sin rin cluinntinn air feadh a’ Bhìobaill, cuideachd. mar eisimpleir, bheir Ieremiah soilleireachd air an sgeul, agus adhaltranas is breugan fon phrosbaig. Ach ’s rud inntinneach sin, fhad ’s a tha fhathast eachdraidh Shòdoim air an ceangal gun bhriseadh ri cleamhnas san tòin. Carson, mar sin, a chaidh dearmad a thoirt air feartan eile an aithris, mas e is gum beir an t-earrann seo buaidh fhathast air daoine ann an 2023?

Ann an Ieremiah, co-dhiù, seach ‘pronnasg agus teine’, chì sinn rudan àbhaisteach a bheir buaidh air grunn dhàimhean eile-sheòrsach is co-sheòrsach. Sin rudan a th’ air a bhith ri fhaicinn am measg mhinistearan de gach seòrsa, cuideachd, o chionn là mòr nan linn, agus feadhainn na h-Eaglais Saoire, nam measg. Aon eisimplear: An t-Urr. Iain D. Caimbeul is casaidean gaolaireachd air co-dhiu còig uairean, a rèir nam pàipearan ann an 2017. Is dòcha gur e sgread bualadh na gaoithe ann am brag na cùbaid a tha sin, is iad cho deimhinnte aire a thoirt do sheòrsa cleamhnais eile, seach a’ bheatha aca fhèin. Chìthear an-sin, mion-fheadhainn a dh’iarradh aire a thoirt bho an cuid laigsean.


Mas Fhoirbheis a tha an crochadh air uirsgeul samhlachail Shòdoim is Ghomorrah, ged-thà, feumaidh i cnag na cùise fhaicinn, a’ cuimhneachadh gur ann mu dhèidhinn ionnsaigh dhrabasta a bha ùghdar(an) Ghenesis – co- no eile-sheòrsachd ann no às. Ach, a rèir teagasg Ghenesis, tha àite airson deagh phoileasaidh air feadh a’ Phàrtaidh Nàiseanta. Poileasaidh a dhèanamh boireannaich uile is fireannaich GDTC+ dìon sna sràidean, le tuilleadh taice riutha-san a shireas ceartas tro chùisean èigneachaidh.


Mas Lebhiticus agus seann-laghan nan Iùdhach a tha fa-near dhuinn, bhiodh gach neach co-sheòrsach deònach aideachadh gu bheil beatha taobh a-staigh is a-muigh an t-seòmair-leapa diofraichte bho na bhios a’ dol, am measg fhireannach is bhoireannach eile-sheòrsach. Chan fheum mi cus a sgrìobhadh, ach le bhith a’ dèanamh soilleir a bheil an cleamhnas eadar daoine den aon ghnè eadar-dhealaichte, mar a bhios sinn fhìn a’ lorg slighe timcheall dreuchdan ghnèitheil. Can nam bithinn an dùil fhathast gun biodh boireannach a’ nighe mo stocainnean, bhiodh mi fhìn, is mo chèile fireannach a’ feitheamh fada.



Mar sin, chan fhireannaich dar leithid a bhios nar laighe ‘mar le boireannaich’ is vice versa. Ged nach boireannach mi, tha mi air èisteachd ri leasbaich gu leòr gus tuigse a bhith agam is mar a tha beatha eadar-dhealaichte acasan, cuideachd, na beatha am pàrantan. Mar sin, chan fheum cus dragh a bhith aig tè no duine againn a thaobh ghràinealachd (18:22). Cha deach gin againn dhan leabaidh le cuid den aon ghnè is an dùil gum biodh cùisean dìreach mar a tha iad eadar boireannaich is fireannaich – taing do shealbh! Ach bheir Lebhiticus oirnn coimeas a dhèanamh eadar dà rud a tha diofraichte is sin sgrìobhte aig cuid nach do thuig an diofair.


’S e cnag na cùise is gun deach seann-laghan sin à bith cho luath ’s a nochd Ìosa san teampall gus dùbhlan a nochdadh riutha. Tha an Tiomnadh Nuadh làn de dh’eisimpleirean far an robh e fhèin a’ dol calg-dhìreach an aghaidh teagasg an t-Seann-Thiomhnaidh. Nach e sin, cnag cùise na Crìostaidheachd, co-dhiù?

Chan eil mi an dùil gu bheil Fhoirbheis is ministearan an dùil nach Ìosa fhèin ‘an t-slighe is an fhìrinn’ (Eòin 14:6). Nam biodh, dh’iarradh iad is gun cùm sinn cho teann ri Lebhiticus fhathast, is chìtheamaid fhìn iad a’ sadail a-mach gu sgiobalta deiseachan poili-chotan M&S dhan sgudail (19:19). Bhiodh iad cuideachd a’ seachnadh giomaich is mhuasganan-caola gu tur (11:9-12), is a’ toirt greis san t-seada, no air seachran am fàsach Mòinteach Bharabhais, air gach boireannach na parraiste, uair sa mhìos (20:18). ’S lèir gum biodh gu leòr ri ràdh aig Foirbheis is mnathan mhinistearan a thaobh sin mu dheireadh, agus an ceart aca fhad ’s a tha an saoghal air atharrachadh bho sheann-làithean a’ Bhìobaill.

’S deatamach, mar sin, gun glèidheadh am Pàrtaidh Nàiseanta còraichean nam ban cho math ri còraichean LGDTC is luchd-leantainn chreideamhan. Taing do shealbh (no do bhuill a’ Phàrtaidh Nàiseanta) gu bheil Prìomh-mhinistear againn a-nis, Humza Yousaf, a bhòt airson pòsaidh cho-ionnain – aon turas, co-dhiù.


’S ann nas cudromaiche buileach, is dòcha, a tha teagasg Phòil a thaobh spùinneadaireachd-cloinne agus brath a ghabhail air daoine so-leònta. ’S ann ann an 1 Corintianach a tha an duine naomh a-mach air arsenokoites, facal nach fhacas ann an teacsaichean Greugach sam bith eile. Mar sin, tha e doirbh bhith cinnteach a thaobh na bu chiall do Phòl a thaobh sin. Tha eadar-theangairean nan linntean air a’ chiall aca fhèin a chumail ris, anns gach cànan aca. A bheil a bheil Pòl an aghaidh fearas-feise san dà-rìribh? Chan dèan e iomradh, mar nach dèan mòran sa Bhìoball, air bana-feise. Mar sin, an urrainn dhuinn fhìn na beàrnan a lìonadh?


A rèir Vines, tha Pòl a-mach air fireannaich òga a tha a’ fulang droch-dhìol aig daoine aig a bheil làmh an uachdair. Thathas fortanach gu bheil dàimhean eadar daoine ghèidh is leasbaich làn spèis is urraim dha chèile, gun fheum air feallsanachd Ròmanach. Ach, mas teagasg Phòil a nì ar stiùireadh, thathar cuideachd an dùil ri òraidean aig Foirbheis an aghaidh trafaigeachd agus nam maoran-strìopaidh. Gu seachd àraid, buidhnean a bhios a’ sparradh fhathast obair-fheise air daoine de gach ghnè, de gach seòrsa, am measg na feadhna as motha fo chruaidh-chàs. Thigeadh an dà là is gum faigheamaid uile cuidhteas den ghràinealachd sin, an Alba.

Seo far an tig an searmon gu crìch. Fhad ’s a tha daoine LGDTC air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan a’ fulang le dìth riochdachaidh, dìth tuigse is dìth thaic le slàinte-inntinn, tha gu leòr am faclan Ìosa a bheireadh stiùir do mhinistearan: carthannas, co-fhaireachdainn, co-ionnanachd.

Do dh’Fhoirbheis bha an diabhail sna mion-phuingean, mar a chanas iad, is sin uile a’ toirt air falbh bhon phrìomh theachdaireachd. Ach, tha rabhadh ann, cuideachd, is gu leòr aig Ìosa ri ràdh mu fhuar-chràbhaichean: “is an-aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do bhrìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a-steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a-steach dol ann” (Mata 23:13).


Chìtheamaid fhathast an t-iomradh sin air sanasan an Urr. Greg Dhòmhnallaich, bhon Eaglais Shaoir Leantainnich, shuas ann an Nis, ma tha e gu bhith a’ nochdadh a-rithist aig Fèis Pròis Innse Gall. Biodh Fhoirbeis is am Pàrtaidh Nàiseanta bodhar roimhe is ro a leithid, le cluas don libearalachas a tha, a rèir agallamhan is dheasbadan, cho faisg ri a cridhe. Tha sin ri chluinntinn air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, aig daoine a thuigeas an diofair eadar 13 B.C. is 2023. Thòisicheadh Fhoirbheis le bhith an conaltradh ris a’ Chomh. Sarah Fanet ann an Loch Abar. Ged a bha Fhoirbheis, air adhbharan gun fhiosta, gun chomas taic a nochdadh ri ainmeachadh Fanet, aig àm taghaidhean nan coimhairlean ionadail, tha gu leòr ri ionnsachadh bho obair na dàrna tè. Tè a tha an uchd na na coimhearsnachd is a’ dèanamh sàr obrach, far a bheil cruaidh-fheum air a leithid.



An Aghaidh na Stainge


Do dhuine sam bith a tha airson faighinn a-mach carson a tha cuid de shoisgeulaich, san là an-diugh, an aghaidh a’ bheachd is gu bheil am Bìoball fhèin a’ dìteadh pòsadh co-ionnan, is dòcha gum faigh iad freagair ann an leabhar Matthew Vines. Tha Tony Campolo, Àrd-ollamh Emeritus aig Oilthigh an Iar, na Stàitean Aonaichte, den bheachd sin – an dùil gu bheil gu leòr ri chnuasachadh ann an teagasg Vines.


Tha mòran dhaoine an dùil gum feumar taghadh a dhèanamh eadar leantainn teagasg a’ Bhìobaill is taic a chumail ri daoine LGDTC. Tha Vines a’ dol gu calg-dhìreach an aghaidh sin, le sùil gheur air fìrinn sgriobtair fhèin.


Le fòcas air a’ Bhìoball, seach poilitigs, tha an leabhar God and the Gay Christian a’ nochdadh dòchais ann am mion-sgrùdaidh, a rèir Justin Lee, a tha air leabhraichean as sgrìobhadh air an aon chuspair.


Tha an leabhar ri fhaotainn ann an deagh bhùithtean-leabhraichean air feadh Thìr-mhòir is nan Eilean, agus tro Amazon is àiteachan-reic air loidhne, cuideachd.












185 views0 comments

Recent Posts

See All

Opmerkingen


bottom of page