top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Ealain Mhannain

Owen Atkinson / RAINE / Isla Callister



Tha Culture Vannin air a bhith a’ cumail taic riutha-san a tha an sàs ann an cultar an Eilein o chionn 1982, nuair a chaidh a stèidheachadh mar The Manx Heritage Foundation. O shin a-mach, tha am buidheann air a bhith a’ leasachadh cothroman cruthachail tro leasachadh, foghlam is maoineachadh.


B’ ann an 2014 a dh’atharraich am buidheann ainm gus Culture Vannin a thoirt air, a’ dèanamh luaidh shònraichte air cànan na Gàidhlig Mhanainneach, a bhios aig cridhe cultair ann. Bidh am buidheann ag obair le roinnean riaghaltais is pàrlamaid – Tynwald – agus san roinn choimearsalta gus a chuid obrach a thoirt gu buil.


Anns an Ògmhios, bha còir aig coimhearsnachdan cruthachail The Long Weekend a chumail fèis fad ceithir làithean, - a’ comharrachadh ealain an eilein is ga chur ro luchd-èisteachd. Ach, b' e seo eiseamplar eile den bhuaidh a tha an Coròna-bhìoras air toirt air beatha ealanta, air feadh nan eilean seo. B’ e Erin Arts Centre a bha aig cridhe ghnothach, le diofar àiteachean san ionad fon phrospaig airson taisbeanaidhean is coileanaidhean. Thathas an dùil an fhèis a chumail le fuasgladh chùisean, rè ùine.


Owen Atkinson / RAINE / Isla Callister

Ged nach eil ach beagan cloinne aig a bheil Gàidhlig Mhannain - Gaelg - mar chiad chànan, san eilean, tha na h-àireamhan air èirigh am measg luchd-labhairt ùir, o chaochail an neach-labhairt dualchasach mu dheireadh - Ned Maddrell - ann an 1973. Ach, le foghlam ga thabhann tron chànan tha dòchas ann agus tha Culture Vannin agus buidheanan is luchd-ealain eile am measg na feadhna a tha a' cumail cor a' chànain na làithean-sa. Ann an 2015, bha an cànan aig còrr is 1,800, aig ìre air choireigin, mar dhàrna cànan.

Owen Atkinson


Am measg an luchd-ealain a bha gu bhith aig The Long Weekend, tha an sgrìobhadair is cleasaiche Owen Atkinson, a tha air luchd-leantainn mòr a tharraing dha cuid ealain, o chionn ghoirid. Ach, ’s aithne do mhòran e mar Fenella Beach – bànrigh draga le fìor bhlas Manannach. Beagan làithean ro bhathar an dùil ri The Big Weekend, bha Fenella air an àrd-ùrlar as motha san eilean, ga thoirt seachad do dhaoine LGDTC airson Island Pride.


Bidh Fenella a’ cumail pàrtaidhean airson prògraman Drag Race fhaicinn agus gach sreath air feadh an t-saoghail fon phrosbaig.


Ach, na riochd àbhaisteach, tha Atkinson air fìor chliù a thogail am measg nan sgrìobhadairean òga gan àrach aig air feadh an eilein, o chionn ghoirid. An sàs ann an slamaichean bàrdachd, tha Atkinson air a bhith a’ cumail a cuid saothair ro luchd-èisteachd agus a' coisinn soirbheachais. Bha a’ bhàrdachd aige ‘Traa dy Liooar’ na phàirt de thaisbeanadh aig Lit Fest far an do leughadh diofar dhàn ann an diofar ionadan air feadh Dhùghlais – prìomh bhaile an eilein ann an 2019.



Tha iomairt so-fhaicsinneachd LGDTC aig cridhe obair Atkinson, agus foghlam na lùib, a bhios e tric a’ lìbrigeadh tro bhùithtean-obrach agus a’ nochdadh ann an sgoiltean. Tha blog fhilmichean aige – Every Gay Movie - a’ dèanamh luaidh air filmichean a chòrdas is chòrdadh fhathast ris a’ choimhearsnachd, a’ sònrachadh tèamannan fearais- is banais-feise is ionnanachdan-ghnè.


RAINE

As t-samhradh, chuir an còmhlan-ciùil RAINE a’ chiad òran singilte aca air bhog – ‘Provoke’ – le bhideo-ciùil a ghlac aire air Instagram. Le còrr is 35,000 air an òran shingilte a chluich air Spotify, beagan mus deach an clàr a chur air bhog, bu lèir gur e ceòl ùr Manannach a bha seo a chòrd ri daoine air feadh an t-saoghail, leis na fuaimean bruthainneach, dorcha aca.



Le guthan aig Suzy Manton agus beus aig Martyn Caine, ’s an còmhlan fhèin a riochdaich a chuid ciùil air a' chlàr agus, leis an LP ùr, tha i iad an dùil gur e caibhleachadh a’ ghlasaidh-shluaigh a thug buaidh air an cuid cruthachalachd. Gu dearbh fhèin, ’s e gloom-pop a th’ aca air a’ ghnè-chiùil.

Chaidh bhideo-ciùil den dara òran ‘Roam’ a bhios a’ sealltainn dhuinn ann fhaireachdainn as motha a bhios ga fhighe tron chlàr air fad. Tha lughad an eilean gu mòr na phàirt den theachdaireachd, leis na bhideothan a’ cleachdadh dathan brìoghmhor, seallaidhean bailteil is ìomhaigheachd chollaidh.



An-diugh, tha an còmhlan gus dà euchd bhideo a chur air bhog, stèidhichte mun òrain 'Icarus' is 'Without You'.



Isla Callister


Tha an seinneadair is ceòladair Isla Callister air ceumnachadh o Chonservatoire Rìoghail na h-Alba, o chionn ghoirid. Ach, gun a bhith tilleadh gu eilean a tùis, tha i air cur roimpe fuireach ann an Glaschu is a bhith na pàirt den àrainneachd cheòlmhor ann. Rè na stainge, tha i air a bhith a’ clàradh fhonn is òran dualchasach is gan sgaoileadh fon taga-hais #ManxMondays.


Chuir Isla roimhpe seo a dhèanamh gus a cumail trang aig àm is nach b’ urrainn dhi a bhith a’ cluich aig cuirmean no a bhith a’ teagasg. Ach, a bharrachd air a bhith a’ cluich leatha fhèin aig an taigh, tha modhan didseatach air a ceadachadh coileanaidhean le luchd-ciùil Eilean Mhanainn a chur air dòigh, cuideachd. Mar sin, tha an ceangal buan eadar Alba is Manann is air sruth a cuid ciùil.


Tha na meadhanan sòisealta aig cridhe na cùise, leis na coileanaidhean a’ dol a-mach air Facebook, Instagram is YouTube. Bheir an sreath a-steach ceòl aig sàr-sheinneadair Ruth Keggin Gell, clàrsair Mera Royal is beagan dannsaireachd aig Isla a bharrachd.



An Aghaidh na Stainge

An-uiridh, chaidh an seinneadair is ceòladair Ruth Keggin Gell na Greinneyder – dreuchd shònraichte san eilean, stèidhichte gus a chànan is cultar a thoirt air aghaidh. A bharrachd air a cuid obrach cheòlmhoir, tha i air an bhith an sàs ann an clasaichean na Gàidhlig Mannanaich a a chur air dòigh, a ruitheadh tro Zoom.


Tha grunn ghoireasan rim faotainn air loidhne dha-san a tha airson an cànan a thogail fo bhratach Ynsee Gaelg.




19 views0 comments

Recent Posts

See All

Comentarios


bottom of page