top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Aonghas MacNeacail / Laoidh an Donais Òig

Updated: Apr 10, 2021

Polygon


Leabhar Bog - ri fhaotainn an-seo

Tha Caoimhin MacNèill den bheag, air an duilleag-chùil, gur e Laoidh an Donais Òig le Aonghas MacNeacail an co-chruinneachadh bàrdachd as fheàrr a chaidh fhoillseachadh air saoghal na Gàidhlig às dèidh 2000. Tha mise buailteach dol leis.


Aonghas MacNeacail Laoidh an Donais Òig

B’ e Dòmhnall E. Meek, a chleachd am facal ‘caochladh’ gus buaidh thachartasan eachdraidheil air dearbh-aithne nan Gàidheil a mhìneachadh. A bharrachd air phenomena eachdraidheil, tha luchd-critig, eachdraichean is sòiseo-eòlaichean air coimhead air ais air Reachdan Ì agus laghan is bilean a lean iad mar chùisean a chur bacadh air saorsa nan Gàidheal ron chànan aca fhèin a chleachdadh.

A thaobh aimhreit, cùisean cogaidh a rinn briseadh a-steach colonach air eachdraidh nan Gàidheil, chan fheum a choimhead ach ri Cùl Lodair airson deagh eiseamplar dheth sin. Blàr a thug buaidh gun choimeas air coimhearsnachdan, agus aiseag na Gàidhlig eadar ginealaich, a cultar is cuimhne. Ann an Laoidh an Donais Òig, tha am bàrd Aonghas MacNeacail a’ toirt sùil air buaidh Chùl Lodair na dhàn leis an aon ainm. Ann an gainnead loidhnichean tha sinn a’ faicinn ciùrradh agus na thig às a dhèidh. Nam measg, an dòigh a bhios psyche coimhearsnachd na Gàidhlig a’ tilleadh dhan na rinn a leòn.


caorann ruadh

air faich nam bàs

nam bruadar


ach fhathast sa chuimhne

tha claidheamh glan

na crann san fhonn


Tha an dàn fhèin na phàirt de shreath fo thiotal ‘Alba’, a bhios a’ tòiseachadh le fear eile mu stèidheachadh Dhàl Riata le Gàidheil Èireann, a shiubhail thar chuain fad na ciad linntean C.E. Le bhith a’ tòiseachadh an t-sreatha mar seo, bidh MacNeacail a’ tarraing aire don dòigh a bhios Gàidheil fhèin a’ faicinn nàisean na h-Alba, a’ neartachadh aithne an cuid dèanadais bhon tùs. Mar sin, tha Alba ga riochdachadh san t-sreath ann an dòigh a tha gu tur Gàidhealach, agus ‘cùl lodair’ air a frèamadh, gun teagamh, anns a’ cho-theacsa sin, air loidhne-tìm thachartasan a thug buaidh shònraichte air saoghal na Gàidhlig.


Anns an dàrna rann, tha cuimhne fon phrosbaig. Gu dearbh, ’s ann taobh a-staigh cuimhne fhèin a tha am ‘fonn’, ga bhualadh uair is uair le ‘claidheamh glan’ – ìomhaigh a tharraingeas dlùth-cheangal eadar ainmeachadh àiteachan, dealbh-tìre agus coimhearsnachd. ’S e cleas a tha ri fhaicinn ann an litreachasan is traidiseanan ro-cholonach a tha seo, leithid an dàin ‘Duan na Ceàrdaiche’, air a chruinneachadh le John Francis Campbell ann an Leabhar na Féinne, a chuireas an cèill diofair fheartan fiosaigeach is seunta an inneil. Tha iomradh air ‘claidheamh glan’ anns an dàn spioradail aig Calum Mac-a-Phì, a chaidh fhoillseachadh ann an 1842, far am bi an t-inneal a’ riochdachadh fìrinn an Tiomnaidh Nuaidh – rud a bhriseas cnàmhan is smior.


San dàn aig MacNeacail bidh am ‘fonn’ sa chiad rann ga cheangal ri ‘faich’ anns an rann eile agus faileas na chaidh roimhe gar toirt air ais agus dhan dàn ‘dàl riata’, far a bheil dealbh-tìre na h-Alba ri fhaicinn ann – a cuid achaidhean is clachan. Mar sin, tha blàr Chùl Lodair ga shuidheachadh taobh a-staigh deilbh-thìre nas fharsainge agus an dàn a’ tarraing fòcais air aimhreit agus an ciùrradh a lean i, mar a rinn am bàrd taghadh air tachartas fa leth airson cnuasachadh.


Na aiste ‘Remembering Back’, tha an neach-critig Rothberg a’ cleachdadh frèam iar-cholonais agus eòlas cuimhne.


‘while memory studies predominantly investigates the cultural mediation of temporality, postcolonial studies predominantly attends to the cultural and political mediation of imperial and neo-imperial violence.’

Na bheachd-sa, tha buannachd ann an meòmhrachadh an dà rud còmhla – rud a bheirear tuigse air fòirneart agus a bhuaidh air tuigse tìme is cuimhne fhèin is a leigeas leinn dlùth-phàirteachas a shealltainn eadarainn.


Le bhith a’ leughadh dàn MhicNeacail sa cho-thecsa seo, ’s lèir dhuinn gu bheil cuimhne aimhreit ga faireachdainn gu cruaidh leis a’ bhàrd, mar phàirt de a choimhearsnachd fhèin, agus cuid a tha an sàs ann am beul-aithris is traidisean na bàrdachd a thoirt air aghaidh. Tha an dòigh a bhios e ga fhaicinn fhèin, a’ fulaing aimhreit Chùl Lodair gu math geur. Tha seo ga chur an cèill ann an cleachdadh ‘fuinn’ le ciall a bharrachd air fearann a-mhàin a ghabhas a-steach sunnd is slàinte inntinn. Dealbh: Islay Book Festival


Tha dà-fhillteachd ann an loidhne mu dheireadh an dàin. Mar sin tha an ‘claidheamh glan’ ga chruth-atharrachadh mar ‘chrann’. Mar sin, a bharrachd air crann-treabhaidh, tha craobh ga thuigsinn tron bhiathar, cuideachd. Tha an ‘crann’ air cruth-atharrachadh cuideachd, ga thoirt beò is organach cho luath ’s a tha e ga chur san ùir. Ga leabachadh san ‘fhonn’, mar a bhios fuighleach àrc-eòlach fhèin, fàsaidh freumhan bhuaithe, ged a chaidh mòran nìthean gan toirt bhon talamh. Gus a thuigsinn a bharrachd, feumaidh sinn tilleadh dhan chiad rann, gus fhaicinn mar ‘chaorann’, làn dhearcan.


Tha an t-eòlaiche Mìcheal Newton, na thràchdas ollamhachd, air sgrìobhadh gu mòr air cudromachd cultar na craoibhe seo, am measg nan Gàidheal. Ga chleachdadh gus litir na h-aibidil Gàidhealach a riochdachadh, tha a freumhan sa chànan fhèin. Chaidh a chleachdadh cuideachd gus bana-bhuidsich a ghràineachadh agus, fad ràithean na Samhna is Bhealltainne, nuair a bha an saoghal gu lèir ga fhaicinn mar àite caochlaideach, airson daoine a dhìon bho buaireadh na h-os-nàdarra. Mar sin, tha dreuchd cultarail aig a’ chaorann ann an glèidheadh beatha agus dìon nan Gàidheal. Mar a tha e a’ fàs o ‘fhaich nam bàs / nam bruadar’ ann an dàn MhicNeacail, tha am bàrd air a’ bhlàr a shuidheachadh air raon-bruadair meata-fiosaigeach cuimhne. Bidh e a’ cruth-atharrachadh an deilbh-thìre mar àite naomh agus cugallach agus airidh air dìon. ’S ann ann an àite mar seo as urrainn do innealan cogaidh, leithid ‘claidheimh ghlan’ tighinn beò.


Ged nach eil facal an datha ri leughadh san dàn, tha deirge nan dearcan beò ann air mac-meanmna an leughadair. Gu dearbh, ’s e sin an dath a-mhàin a tha ri leughadh san dàn air fad, agus, gan sònrachadh, tha ìomhaigh nan dearcan tuilleadh is làidir.

’S iad na dearcan samhla de phròiseas ath-bheothachadh a’ chrainn. Le dath na fala orra, bidh iad a’ samhlachadh a’ bhàis – rud tha na bhrat thar na talmhainn aig MacNeacail, na chomhghar. Tron rann fodha, tha an dath na shamhla de na beò, a’ fàs san ùir. Mar sin, ’s ann an ìomhaigh a’ chaorainn sa chiad rann, ron chrann fhèin, tha co-shìneadh ga chleachdadh gus an dàn a dhèanamh concrait. Le togail nan loidhnichean, tha strata ùire is eòrnaich ri fhaicinn ann, gan cruth-atharrachadh fhèin san ‘fhonn’.


A rèir Rothberg, tha ceangail eadar cuimhne, ionnanachd agus fòirneart nam feartan cudromach ann an litreachas iar-cholonach – rudan air a bheil dàn MhicNeacail a’ toirt fianais.


‘trauma and rupture produced by conquest, occupation and genocide’ and appear in texts as part of postcolonial writers’ creative process of ‘recovering the traces of non-dominant pasts’.

Mar sin, tha leigeil fuil nan geugan cudromach, cuideachd. Tha iad a’ riochdachadh rud nach eil comasach don bhàrd a sgrìobhadh, gu buileach, air an duilleig – cuirp Ghàidheal marbh fon ‘fhonn’. Mar sin, tha iad fo thalamh a’ bhlàir ach, cuideachd, air an glèidheadh na chuimhne fhèin is cuimhne a choimhearsnachd.


Tha ciùrradh ri fhaicinn ann an ‘Hallaig’ MhicGill-Eain, far a bheil craobhan anns each daoine fhèin. A rèir Newton, cuideachd, ann an craobhan an Ratharsaich, tha spioradan nam marbh beò fhathast air an dealbh-tìre, làn uirsgeoil is eachdraidh, ach far nach eil daoine ann, san là an-diugh. Mar a bha MacGill-Eain roimhe, tha MacNeacail soirbheachail agus a’ cur aiseag an spioraid sin romhainn, na dhàn fhèin, tro fhuil nam marbh is geugan nan craobhan a tha a’ fàs bho innealan cogaidh, air an leabachadh ann an tìr na Gàidhealtachd. Tha cearcall san dàn, a dh’innseas dhuinn gum bi cuimhne na coimhearsnachd a’ leantainn fhathast, ann am bàrdachd na duilleige agus ann an seanchas. Mar sin tha an còd bàrdachd molaidh ga ath-nuadhachadh ann an co-theacsa co-aimsireil. Tha na craobhan nan anman is taibhsean fhèin.


San dàn seo, bidh MacNeacail a’ cumail làrach ciùrraidh romhainn a tha air a chruth-atharrachadh leis na tachartasan a thàinig air an àite ann. Tha am blàr an leòn, a’ leigeil fala fhathast, gun shlànachadh. Anns an dòigh a tha ceangail eadar ‘fonn’ an dàin seo ris an dàn ‘dàl riata’, tha an ‘claidheamh glan’ na theachdaire don dàn a leanas e.

Tha ‘innleachd’ MhicNeacail a’ toirt an leughadair leis a’ Ghàidheal, tro eachdraidh, gu àite far an robh coimhearsnachdan air am far-fhuadachadh, ann an Glaschu. Tha am bàrd a’ bruidhinn air tionnsgal, tro iomradh na innealach is teicneòlach – innealan cogaidh agus innealan cruthachaidh. Mar sin, tha an ‘claidheamh glan’ agus an ‘crann’ gan cruth-atharrachadh uair eile, ann an ‘glaschu’ ri taobh Abhainn Chluaidh.


An-seo, tha ‘cruinn-togail’ ann an ‘glac gorm’ Bhaile Mòr nan Gàidheal, ga lìonadh le ‘ceathach stàilinn’. Bidh an sreath bàrdail a’ tighinn g crìch le dachaigh ùr bailteil nan Gàidheal a’ fulaing ciùrraidh ùir – buaidh colonachd, cruinneachas is adhartas teicneòlach. Mar sin, tha leòn talamh Chùl Lodair, làn cuimhne coimhearsnachd, ga fhosgladh as ùr ann an àite nuadh.



An Aghaidh na Stainge


Tha iomairt a' dol gus làrach Chùl Lodair a shàbhaladh bho 'leasachaidhean' a thogail air. Faodaidh sibh ur cinn fhèin a thogail gus a' dol na aghaidh le bhith a' cumail sùil air air làraich-lìn seo.






17 views0 comments

Recent Posts

See All

コメント


bottom of page