Acair
Leabhar Bog - ri fhaotainn an-seo
Am measg nan leabhraichean bàrdachd a chaidh fhoillseachadh o chionn nam beagan bliadhnaichean a dh'fhalbh 's e Cridhe Creige aig Anna Frater dham bi mi a' tilleadh air sàilleabh sùil gheur na bana-bhàird air poilitigs, dualchas agus beatha fhèin.
Anna Frater Cridhe Creige
Bha luchd-leughaidh a' feitheamh còrr is fichead bliadhna o dh'fhoillsicheadh ciad chruinneachadh Anna Frater - Fon t-Slige - ach leis an leabhar loma làn seo, 's cinnteach gun còrd na dàin ùra aice ri gach duine a tha measail air nua-bhàrdachd na Gàidhlig
Nuair a bha mi ag ionnsachadh nua-bhàrdachd na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain, fad ciad bhliadhnaichean na mìl-aoise ùire, bha blas gu math Leòdhasach air a' chùrsa. Ga stiùireadh le bana-Leòdhasach a tha cho fiosrach 's a ghabhas - An t-Oll. Michelle NicLeòid - 's tric a bhiodh sinn a' tilleadh gu duanaire Chrìsdein MhicIlleBhàin - An Aghaidh na Sìorraidheachd - a rinn gu mòr gus bàrdachd nan deicheadan ro 2000 a mholadh. Am measg aghaidhean is guthan nam bàrd, a bha cho seann a' coimhead, b' ann do dh'inbheach òg a bha rudeigin tarraingeach san dòigh a bha tè a bha na ficheadan ga cruinneachadh nam measg. Bha a bàrdachd geur agus dìreach - a' dèanamh iomradh air gaol is briseadh dùil aig amannan, ach a' toirt slaic do phrìomh-athaireachas is grèim-tachdaidh an Aonaidh, ann an dàin eile. Tha na h-ìomhaighean de dh'fhòirneart taighe agus ciùrraidh-inntinn a chleachd i airson an dàimh phoiligeach eadar Alba agus Breatainn a chur an cèill air a bhith beò nam inntinn o shin a-mach. Bha dànachd san aithris is sin air a sgrìobhadh gu misneachail, a' toirt lèirsinn air an aon mhilleadh dùil a thug buaidh air mo ghinealach fhèin is a bheir fhathast.
Mar sin, b' e tlachd mòr a bh' ann an leabhar ùr aice a thogail aig a' Mhòd, bliadhna no dhà air ais, agus rinn mi fiughair ris na beachdan aice a leughadh, gus tomhas a dhèanamh air mar a tha an dùthaich, agus an saoghal uile gu lèir, air atharrachadh, gu ruige seo. 'S e sgil na bana-bhàird seo meatafor a-mhàin a leasachadh tron dàn, a tha, mar is tric, meadhanach goirid, gus beachd nas motha a thoirt beò. Mar sin, a bheil dòigh nas Gàidhealaiche idir gus poilitigs a chnuasachadh, seach dealbhan-tìre a h-eilein agus agus caoraich, nan seasamh gu cugallach air oir creig, a pheantadh le faclan? Le guthan Innse Gall air an sìor-chumail gu taobh, air saoghal poilitigs na h-Alba, tha cruaidh-fheum air na dàin seo, a bhruidhneas air eachdraidh agus cuspairean co-aimsireil leithid Reifreann na Neo-eisimeileachd agus Breat-a-mach, bho shealladh eileanach.
Ann an ‘Caora, 1707’ leughar freagairt Frater do dh'Aonadh nan Crùn. Ann am ‘Brexit’ leughar cuideachd ìomhaigheachd croitearachd, ga cur gu feum le eirmse, gus ciùrradh nan tachartasan poilitgeach sin ga chur romhainn, tro mheadhanan tùsanach nan Gàidheal. Am measg an deilbh-thìre, chìthear dìtheanan agus seòbhrach, gu h-àraid.
Cha robh fhios aice gur e sin an t-ainm a bh’ air
ach chunnaic i an t-òr
a’ leum a-mach
à uaine is donn na creige.
An-seo, tha Frater a' neartachadh an dàimh eadar na gluasadach is na neo-ghluasadach, a' sealltainn dhuinn a' chaora bheòthail, a' dol a dh'ionnaigh an dìthein. Tha an seòbhrach nas tarraingiche fiù, ga faicinn òrail seach buidhe a-mhàin - rud a tha a' nochdadh iomsgaradh eadar tuaran glasa is donna an deilbh-thìre. Chan urrainn don chaora a seachnadh. Tha taghadh an datha aig Frater iomchaidh - rud a bheir air luchd-leughaidh coimeas a dhèanamh eadar sin is am parcel of rogues aig Burns: ‘bought and sold for English gold.’ Tha Frater air buaidh pearsanachaidh a thoirt air a' chaora, a' leigeil leatha ainm a chur air an t-seòbhraich. Mar sin, an ann mu dhèidhinn caorach a tha an dàn seo idir? Sin cleas na bana-bhàird, a tha ri fhaicinn ann an tiotal an dàin, mu thràth.
Tha Frater a' leantainn oirre, tron dàn, a' falbh le gluasad na caorach. Tron sgrìobhadh air fad, tha an dà chuid a' dol sìos, gu h-uidealach, mus ruig a' chaora nadir fìor suidheachail. Anns an treas rann, bheir Frater dhuinn na bhios a' chaora a' dèanamh air dìthean a rùin.
’S ann nuair a ràinig i
’s a bhlais i air
a thuig i gun robh mìlseachd sam bith
air a chall
fo bhlas saillt an t-sàil.
’S chan eil an sreap cho furasta.
Anns an dòigh seo agus le blas a chleachdadh, fhad 's a tha a' chaora a' coinneachadh ris an àrainneachd as ùir, tha taisbeanadh a cuid eòlais ann. Chan eil blas na seòbhraiche cho blasta idir, ach 's i a' chaora, às dèidh leasan a dhèanamh dhi, a dh'fheumas tilleadh gu teàrmann na talmhainn uaraich - rud a nì i le strì. Anns an loidhne mu dheireadh, tha aig a' chaora ri beachdachadh a bheil slighe air ais co-dhiù.
Bidh Frater a' cleachdadh ìomhaighean bheathaichean gu soirbheachail gus ciùrradh thachartasan eachdraidheil a chur an cèill. Ach, leis an dàin seo tha i a' dol seachad air crìochan cultarail na Gàidhealtachd gus cruthan sgeulachdan Aesop a chur gu feum, le aithris loidhneach agus dathan soilleir am measg cànain làn lèirsinn, beantainn agus blais.
Mar sin chan eil Frater ag innis ach a' sealltainn don neach-leughaidh an dùbhlan poilitigeach a bha ron t-sluagh aig an àm sin, a' dèanamh iomradh air tàladh, iongantas, briseadh dùil is ribeadh, fad an t-siubhail. Ann am ‘Brexit’ tha an aon sheamantaigs ri faicinn, agus ìomhaigheachd chaorach is bhò a bharrachd.
Na rùid
air gach taobh den fheansa
a’ blocsaigeadh a chèile
agus na puist
fad mhìosan.
Gus an tàinig bheat
mar a thàinig bhòt
’s gu d’ fhuair sinn a-mach
nach robh againn ach treud
de dh’fhearmagailean.
Tha Aesop ri fhaicinn an-seo, cuideachd, is a sgeulachdan gan cleachdadh mar chruth gus ar n-innse mu Reifreann 2016, a las sreath thachartan poilitigeach is a ràinig co-dhùnadh le Breat-a-mach. Anns an dàn seo, tha Frater a' faicinn nam beathaichean aig astar - rud a neartaicheas faireachdainn neo-chomas ron chùis.
Tha prìomh-athaireachas urracha mòra poilitigs Bhreatainn gu mòr ri fhaicinn sna rùdachan, 'a' blocsaigeach a chèile' fhad 's a dhèilig iad fhèin ris an rèiteachadh reachdail. Tha Frater dàna riochd bheathaichean a chur air na fir a tha fo a prospaig. Ach, bha càineadh den leithid ri leughadh a-riamh, gu seachd àraid san sàn ‘Dealachadh' ann am Fon t-Slige. Mar a th' aice anns an dàn eile, tha aimhreit chorporra ga chleachdadh gus tòcadh nan deasbadan a mhìneachadh, mar a chleachdadh ro Reifreann na Neo-eisimeileachd.
Tha àbhachd ri fhaicinn anns an dàin seo - rud a tha air tighinn air an sgrìobhadair le aois is eòlas, is dòcha.
Le sin, tha Frater air casg a chur air an ìomhaigheachd bhrùideil a bh' aice ann an ‘Dealachadh’. Tha ‘Brexit’ is ‘Caora, 1707’ nan dàin air an sgrìobhadh le bana-bhàrd inbheach, gan neartachadh tuilleadh le blas fìor Leodhasach. A bharrachd air sin, tha na trì dain ana-cholonach, a' cumail pais ri luchd-aithris poiltigs nam meadhanan mòra, a' soillseachadh staing is ceannsgal suidheachadh na h-Alba.
Mar sin, tha cainnt ghnèitheach gu mòr ri fhaicinn sna dàin ùra seo, cuideachd. Mar as boireann Alba ann an ‘Dealachadh’, tha i boireann fhathast, mar chaora ann an 'Caora, 1707'. Mar a tha i bog is buailteach a bhith ga tàladh le lìth na seòbhraiche, bidh i ceasnachail is deònach leasan a dhèanamh dhi. Tha na rùdachan fireannach ann am 'Brexit' spreigeach is gun sguir. Mar a tha iad air leantainn orra san dòigh seo fad mhìosan, chan eil iad comasach air ionnsachadh a dhèanamh den ùpraid is dochan a dh'adhbharaich iad. Ach, a thuilleadh air sin, tha iad seasg is gan leagadh len cuid lapachais. Far an robh Frater a' moladh dealachadh roimhe, tha an t-sùil bheag oirre a-nis, ron fhireannachd bhriste ga sgaoileadh roimhpe.
Dealbh: Wigtown Book Festival
La bhith a' tilleadh dhachaigh gus fuireach ann, tha e nàdarra gun lìonadh Frater a cuid dhàn le ìomhaighean Leòdhais. Mar a tha ìomhaigheachd bhailteil Ghlaschu gu leòr ann am Fon t-Slige, tha bua-choilleag agus beatha eileanach ri fhaicinn tron Cridhe Creige air fad. Mar sin, 's e ath-stèidheachadh a tha ga fhighe tron na dàin, gu ìre mhòr - rud a tha ri leughadh anns an dòigh a tha Frater air tilleadh gu seanchas a teaghlaich, dùthchas is dualchas, le bhith a' fàgail cùisean a' Bhaile Mhòir às a dèidh. Le sin, tha tachartasan leithid Brexit is eile gan cur ann an co-theagsa eachdraidh phearsanta, sgìreil agus nàiseanta. Tha mi a' dèanamh fiughair ri dàin ùra a leughadh aice, às dèidh neo-eisimeileachd.
An Aghaidh na Stainge
An-uiridh fhuair Anna coimisean dàn ùr a sgrìobhadh don chompanaidh Lidl, mar phàirt de shreath bàrdachd a ghabh a-steach sgrìobhadh aig Stuart A. Paterson agus Lennie Pennie, cuideachd.
Thuirt Anna: "tha mi air a bhith ag obair còmhla ri Lidl gus bàrdachd a chruthachadh mu dheidhinn na làithean eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ùr. ’S e na ‘Daft Days’ a theirear riutha ann an Albais, agus bhathas a’ togail air dàn leis an t-ainm sin a chaidh a sgrìobhadh le Robert Fergusson. Chaidh iarraidh ormsa mo thionndadh fhìn a chur air na làithean sin, ag innse mar a bhitear gan comharrachadh ’s na h-Eileanan an Iar, agus sin a th’ ann an ‘Là is Oidhche."
Comentarios