top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

An Leòmhann, A' Bhuidseach agus Am Preas-Aodaich

Updated: May 7, 2020

C.S. Lewis / Màiri Anna NicUalraig

Ri fhaicinn air Facebook agus Youtube

Leis a’ chlann uile far an sgoil agus dìth ghoireasan do phàrantan le clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, rim faotainn air loidhne, tha duine no dithis air tilleadh gu tobar an litreachais gus sgeulachdan a thoirt beò air-loidhne. Nam measg tha Màiri Anna NicUalraig, a tha air a bhith ann sàs ann an eadar-theangachadh seann-chlasaig a chòrdas ri daoine de gach aois.


C.S. Lewis / Màiri Anna NicUalraig An Leòmhann, A' Bhuidseach Agus Am Preas-Aodaich

Dh’fhoillsicheadh The Lion, The Witch and the Wardrobe ann an 1950 agus leis a’ shin, thòisich sreath de sheachd nobhailean a chòrd ri duine riamh air feadh an t-saoghail. Chaidh na leabhraichean eadar-theangachadh ann an còrr is ceathrad cànanan còig. Ged a tha an leabhar ri leughadh ann am mion-chànan, cuideachd, leithid na Cuimris, na Gearmailtis Eilbheisich agus na Catalanais, chan eil aig na Gàidheil ach dreach ann an Gàidhlig na h-Èireann. Le The Hobbit agus Alice in Wonderland rim faotainn mu thràth aig Evertype, tha Màiri Anna air sàr-sgeulachd eile a chur a-steach do dheagh chuideachd, ga thoirt far an duilleig agus beò nar dachaighean fhèin.

Aig àm duilich mar seo, is an saoghal gu leòr fo bhuaidh na stainge, tha e furasta a thuigsinn carson a thilleadh daoine gu The Lion, The Witch and the Wardrobe. Tha a’ chlann san sgeulachd, Peter, Susan, Edmond is Lucy Pevensie, a’ teicheadh bagairt nam bomaichean ann an Lunnainn an Dàrna Chogaidh, air an ath-àiteachadh air an dùthaich, fada air falbh bho am pàrantan. Le clann an là an-diugh a’ faireachdainn an aon mhì-chinnt agus a’ lorg dhàimhean le nàbaidhean seana is ùra gus buannachd a dhèanamh de thaic coimhearsnachd, tha e iomchaidh, is dòcha, a bhith a’ cuimhneachadh nach e seo a’ chiad uair a bha teaghlaich fo chunnart nar dùthaich fhèin. Gu dearbh, le uiread aimhreit a’ dol fhathast ann an dùthchannan cèin, tha e cudromach co-fhaireachdainn a bhith againn le coimhearsnachdan ann an àiteachan eile agus neart fhaighinn às a chèile. ’S ann le cinnt gur e sin a tha aig cridhe na sgeòil seo, agus na Pevensies a’ faighinn neart às a cheile fhad ’s a cheannsaicheas iad na dùbhlain air an cur romhpa, air an t-saoghal ùr dhraoidheach aca – Narnia.


Do Mhàiri Anna, tha tilleadh don leabhar a chòrd rithe cho mòr is i òg, air an t-uabhas cofhuirt a thoirt dhi, fhad ’s a tha i air a bhith ag obair air an eadar-theangachadh fad nan seachdainean a dh’fhalbh. Leis an aon teannachadh ga thoirt air luchd-ealain neo-eisimeileach air feadh Alba, bha i daingean is airson dùbhlan a thionndadh na chothrom, le pròiseact a bhiodh gu math dlùth ris a’ chridhe a leasachadh. Bhuannaich Màiri Anna Duais nan Sgrìobhadairean Ùra aig Comhairle nan Leabhraichean is Urras Leabhraichean na h-Alba am bliadhna. Le barantas is greis-sgrìobhaidh aig Mon Itheig Mòire na lùib, bheir an sgeama seo cothrom do sgrìobhadairean den leithid an cuid sgilean a leasachadh. Mar sin, tha Màiri Anna, as aithne dhuinn cho mòr air sàilleibh a cuid ciùil is craolaidh, air duilleag ùr dhi fhèin a thionndadh.


Mar a bhiodhar an dùil, ged a tha sgrìobhadh is eadar-theangachadh na shaoghal ùr, is dòcha, do Mhàiri Anna, chan e pròiseact amaitearach a tha i air a bhith a’ leasachadh is i air falbh bhon àrd-ùrlar. Bha Watercolour Music, an stiùidio a bhios i a’ ruith còmhla ri a duine-chèile Nick Turner, riamh na fhactaraidh nam bruadairean, far a bheil mòran luchd-ciùil air an rùintean a thoirt gu fìorachd. Anns an ìomhaigheachd sna craolaidhean den eadar-theangachadh, gan cur a-mach caibideal air chaibideal air Facebook is Youtube, chìthear tuilleadh dhen dealbhachd a chleachd i airson a’ chlàir as ùire aice – Glaschu: Hometown Lovesong – aig Sean Purcer. Tha an aon mit-eòlas ri fhaicinn anns na bhideothan a thig an cois nan leughaidhean, far a bheil Màiri Anna mar bhana-bhuidseach dearg, seach bana-bhuidseach gheal, na cathair is leabhar mòr na h-uchd. Gu dearbh, tha aon sheuntas ri fhaicinn innte, mar a bh’ aig Barbara Kellerman, nuair a chaidh sreath dràma a dhèanamh den leabhar anns na h-ochdadan, airson a’ BhBC. Mar sin, ged as dreach ùr sa Ghàidhlig a tha seo, agus dearbh-aithne fìor Ghàidhealach aig a’ phròiseact le ceòl clàrsaich na cois, tha leantaileachd ann, cuideachd, a chòrdas ri daoine a tha nan tricheadan, a-nis, is aig a bheil deagh chuimhne air Aslan animatronic.


Tha Màiri Anna air a dòigh ghlan leis an dòigh a tha luchd-amhairc air gabhail ris na craolaidhean agus tòrr dheagh lèirmheasan air an cur thuice, aig clann agus pàrantan, le chèile. Chaidh iomradh a dhèanamh air an iomairt aig BBC Alba airson An Là agus luchd-fhoillseachaidh air ùidh a nochdadh ann, mar thà. Ach, tha Màiri Anna deimhinnte nach eil ach ciad dreach a tha san t-saothair, gu ruige seo, agus i riamh na foirfiche. Mar sin, bidh greis mus nochd Narnia sa Ghàidhlig, fhathast, ged a tha i air crìoch a chur air a’ cheathramh caibideal deug an t-seachdain-sa. Aig an ìre-se, ’s e as cudromaiche dhi an sgeulachd a thoirt don chuid as motha de dhaoine, air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig. Mar sin, ’s ann tron eadar-lìon, ann an cruth fìor lèirsinneach nan bhideothan didisteach, a gheibh teaghlaich Gàidhealach, ge b’ e càite a bheil iad, grèim air an sgeul. Thèid an cur a-mach gach seachdain, gus a’ bhuannachd as motha fhaighinn dhiubh, fhad ’s a tha sinn uile ri fèin-iomallachadh.



An Aghaidh na Stainge


Tha Màiri Anna is Neacal Mòr air Stiùdiothan Watercolour a thionndadh gu stiùidio film agus stiùidio rèidio thar nan seachdainean a chaidh. Tha Màiri Anna air a bhith a’ preasantadh Mire ri Mòir air BBC Radio nan Gàidheal truas no dhà agus faodaidh sibh na prògraman a chluinntinn a-rithist air BBC Sounds.



57 views0 comments

Recent Posts

See All

Comentarios


bottom of page