Neo-eisimeileach
Digipack CD / Ath-luchdachadh Didseatach - ri fhaotainn an-seo
Tha Ainsley Hammill a' tilleadh le clàr ùr air an sgrìobhadh leatha fhèin, le taic ceòladair a' BhBC Malcolm Lindsay agus The Czech Studio Orchestra.
Ainsley Hammill Not Just Ship Land
Tha Ainsley air sreath òran ùra a chruthachadh is a chruinneachadh, a bheir sealladh air sgìre Bhaile Ghobhainn is na daoine a thug an t-àite beò, thar nan deicheadan.
Tha guth Ainsley fa leth air saoghal ceòl na h-Alba - làn ceòtha is inbheach am measg còisir de cheileradh aotram binn nam ban. 'S e guth a ghabhas gu mòr ri òrain a tha làn fhaireachdainn, anns a bheil sgeulachdan rin innse. Ged a chaidh corra òran a chur mu sgaoil anns an EP mu dheireadh, tha a' mhòr-chuid den co-chruinneachadh seo gu tur ùr fhèin agus, mar sin, leis a' chiad chlàr aice fhèin, is an guth sin is na sgeòil rin aithis a lìonas an t-sreatha. Ged as aithne do Ghàidheil i tro shaothair Barluath, dham bi i na prìomh-sheinneadair, agus i comasach ann ann trì cànan sgrìobhte na h-Alba, tha an tè à Earra-Ghàidheal air ceum air falbh bhon Ghàidhlig a ghabhail, leis a' phròiseact ùr seo, gus seinn sa Bheurla a-mhàin.
Còrdaidh an cruinneachadh ri luchd-èisteachd, ge b' e dè an cànan a th' aca, ge-tà, oir is iomadh rud a chì an duine a shiùbhlas fad às agus is sgil Ainsley a tha san lìbrigeadh. Tha a' bhàrdachd seo air a dhèanamh gu grinn, agus 's ann innte a chuireas i brìgh beatha gach neach a tha fon phrospaig aice. Mar sin, is òrain co-aimsireil an t-sluaigh a tha romhainn an-seo, a chuireas gu mòr ri triaidisean na h-Alba. Ach, na bithibh an dùil ris an aon stoidhle sgrìobhaidh is seinn leis a' chlàr seo. Air a foghlamachadh gu mòr aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba, chaidh Ainsley a bhogadh ann an grunn ghnèithean ciùil a tha rin cluinntinn sa cheòl nua-nòsach seo.
'S tric is mi ag èisteachd ris a' chlàr seo a chluinneas mi dìleab bana-sheinneadairean cliùiteach leithid Cilla Fisher agus Sheila Stewart ann an dreach nan òran, ach rin taobh tha feadhainn eile. Beagan Billie Holliday agus uaireannan beagan Amy Winehouse a bharrachd. Air an dàrna làimh agus anns an dòigh seo, tha gu leòr san euchd a chòrdas ri luchd-leantainn ciùil folk. Air an làimh eile agus leis an stoidhle siubhlach, sruthach aig Ainsley, tha mi làn cinnt gun tàlaidhidh Not Just Ship Land iadsan a tha dèidheil air jazz, blues agus seinneadair sam bith a tha dàna gu leòr am measgachadh le chèile, gus crìochan cruthachail a bhriseadh.
A' tilleadh dhan traidisean, airson greiseag co-dhiù, 's e Calum na Margaid - agus tric, cuideachd, Calumìona cuideachd - a tha air na liricean a spreagadh. Na daoine is beathannan air an dèanar dearmad, measg anailis mhòr eachdraidh. Le aire shònraichte air Baile Ghobhainn fhèin, mar a bhiodh tu an dùil, tha gu leòr an-seo a nì moladh an àite is na feartan a nì e sònraichte - smior, tionnsgal, dealas agus dìcheall.
Tha seo uile ri chluinntinn ann an coileanaidhean Ainsley fhèin - rud a neartaicheas an dàimh eadar na h-òrain is an tè tha bhios gan gabhail. 'S lèir, is mi ag èisteachd, gur e lasair dìorrais gu tur leatha fhèin a tha Ainsley air losgadh, leis a' phròiseact ùr seo. Air saoghal far am biodh e tuilleadh is soirbh gleans ùr a chur air òrain mòr-chòrdte an traidisein - Gàidhlig, Beurla no Beurla Ghallta - chan eil agam ach mòladh dànachd Ainsley, a leig leatha an seanchas seo chur ron t-saoghal, na faclan fhèin. Is cinnteach, agus gu leòr de na fuinn cho leantalach 's a ghabhas, gur e clàr a tha seo a chòrdas ri òranaichean fhèin. Mar sin, tha mi cinnteach gun cluinn sinn a thuilleadh dhiubh am beòil luchd-ciùil sgìre Ghlaschu is taobh an iar na h-Alba, san àm ri theachd. 'S e sin cumhachd deagh òran air a dheagh ghabhail.
Dealbh: AinsleyHamill.com
An Aghaidh na Stainge
Tha Ainsley air a bhith ag obair air ealain lèirsinneach, a thig an cois a' chiùil, le Ela Orleans. Bidh na bhideothan a' gabhail a-steach criomagan na tasglainn agus seallaidhean de Bhaile Ghobhainn, san là an-diugh. Mar sin tha tuathar is deisear aig a' phròiseact a tha seo, a' coimhead air ais is air adhart tro thìm. Leis na bhideothan seo, bheir Ainsley is Ela sealladh air an eachdraidh a spreag na h-òrain is an dìleab a dh'fhàg daoine na sgìre. Faodar am faicinn uile air YouTube.
Comments