top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Sian / Sian

Updated: Aug 24, 2021

Neo-eisimeileach

Digipack CD / Ath-luchdachadh Didseatach - rim faotainn an-seo

Leis a' chiad chlàr-ciùil aca, tha na Sugababes Gàidhealach deiseil an cuid saothair a chur mu choinneamh luchd-èisteachd, às dèidh ceithir bliadhnaichean de dh'ullachadh.


Air an toirt còmhla gus guthan bana-bhàird nan òran a chumail am bàrr ann an 2016, tha Eilidh NicCarmaig, Ellen Dhòmhnallach agus Ceitlin Lilidh Nic a' Ghobhainn air a bhith a' treabhadh chlaisean ceòlmhor nan trì eileanan aca gus ùr-fhàs a thoirt do thraidisean seinn na Gàidhlig

'S ann le dùileachadh tlachdmhor a fhuair mi grèim air a' chlàr ùr aig Sian às dèidh dhomh am faicinn beò is beòthail air an àrd-ùrlar, còmhla ri Innes White is gillean Niteworks, thar nam bliadhnaichean. Ged as Innes agus Dòmhnall Seaghach a chumas traic riutha, tron na clàraidhean seo air fad, 's ann le cinnt gur iadsan, an triùir bhoireannach tàlantach seo, a ghlac stiùir a' phròiseis chruthachail, le toraidhean gan cur, gun dabht, fon spot-solais mar sgioba coileanta, misneachail agus le blas aca fhèin.


Ag èisteachd ris an tionndadh de 'Sheòl am Bàta', 's lèir dhomh, bhon chiad dol-a-mach, gu bheil Ceitlin, Eilidh is Ellen ag amais air a' bhlas - no na blasan - aca fhèin a chumail ris na h-òrain a tha iad air a bhith a' trusadh o dhualchas Uibhist, Leòdhais agus an Eilein Sgitheanaich. Tha na guthan binn Gàidhealach rin cluinntinn gu mòr, mar a bhiodhar an dùil, air clàr a chumas seinn agus bàrdachd an àrd. Ach, seach cho-sheirmean ciùil fillte no trom, tha na boireannach air cur romhpa dol air ais is a-steach do chridhe gach òrain, gus a' bhrìgh fa leth aige a thàladh a-mach. Ach, leis a bhogadh san dualchas agus an dìleas dha a tha an lùib sin, cha bu chòir do luchd-èisteachd a bhith den bheachd gun robh seo na chnap-starra cruthachail dhaibh idir, a' bacadh sheallaidhean na b' fharsainge rin toirt a-steach dhan chùis. 


Gu dearbh, leis a' chiad òran 'Ach a Dhòmhnaill Òig Ghaolaich', tha traidisein co-sheirm na Beurla Ameirgeanaich ri chluinntinn ann, a chuireas nam chuimhne siansaidh teann nan Andrews Sisters o shean. 'S e an t-aon bhinneas a bha ri chluinntinn ann am 'Bi Falbh On Uinneig', ga thoirt ceum na b' fhaide le Ceitlin a' faighinn cothrom a' mhaidhc agus le Eilidh is Ellen a' cumail taic rithe, a' seinn fuaimreagan sìmplidh air a cùl, mus tig iad còmhla gus an t-sèist a leasachadh. San dòigh seo tha e doirbh a sheachnadh an Trio aig Parton, Harris agus Ronstadt a rinn mòran gus traidisean nan Stàitean ùrachadh an cruth fìor-bhanail. Le 'Tha 'n Crodh Laoigh Air Aodainn Corra-bheinn', chaidh mo thoirt a-null thar Sruth na Maoile gu leac an tine aig Rita is Sarah Keane is gun chlàr aca 'A Stór Mo Chroí' airson Bringing It All Back Home. Tha an aon cheò ri chluinntinn ann an guth Ellen, sa choileanadh seo, ga mhìlseachadh le mìneachd a bana-charaidean. Mar sin, ge b' e dè an dualchas cànanach a bhiodh aig luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail agus tuigse na Gàidhlig ann no às, tha gu leòr air a' chlàr seo a chòrdas riutha-san a tha dèidheil air fìor cho-sheirm.


Le ainm-chòmhlain a chuireas iùnnrais no na dùilean fhèin nar cuimhne, chan e clàr a tha seo a bheir sibh o dhoimhneachd bròin gu àird aoibhneis. Tha na h-òrain gan cur rin cèile ann an dòigh rèidh, sgiobalta, gun char sam bith san t-slighe dìreach na cur dùbhlan sam bith ron èisteachd. Ach, mas na siantan a tha fainear dhuinn, 's e talamh a chluinneas mi an guth Ellen, uisge an guth Eilidh agus àile an guth Cheitlin - trì nìthean a thig còmhla gu brìoghmhor. Air an làimh eile, dh'iarrainn air Dòmhnall beagan de theine a bharrachd a chumail riutha, gus an stoirm a dhùsgadh annta, mar a rinneadh Niteworks le 'Air Fair an Là'. Seach sin, 's e clàr mìsneachail aig seinneadairean òga comasach a tha seo, agus ma 's e a' chiad cheum air slighe cliùiteach cruthachail a bhios a' fosgladh romhpa, 's ann le cinnt is gum fiach beagan ùine a chur seachad an cuideachd Sian gus cnuasachadh far an robh iad gu ruige seo is far an tèid iad san àm ri theachd.

An Aghaidh na Stainge


Rinn Sian a' chùis cuairt a choileanadh a thug iad tro Inbhir Nis, Glaschu, Beàrnaraigh na Hearadh, Steòrnabhagh agus an Eilean Sgitheanach mus tug an staing buaidh orra. Dh'innis Eilidh dhomh gun robh buill Shian uile trang ag ionnsachadh òran ùra. Mar sin, bidh sinn an dùil ri tuilleadh choileanaidhean drùidhteach aig na boireannaich, nuair a thogas iad an rathad uair eile. Fhad 's a tha iad a' deiseileachadh son an ath cheuma aca, faodaidh sibh na bloopers aca fhaicinn an seo, gus ur cumail ann an sunnd is sibh ri fèin-iomallachadh.



54 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page