top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

TikTok na Gàidhlig

Updated: Jun 18, 2021

@Locheil / @HebrideanBaker / @Celtic_Sian

Bha mi fhìn gu math diùid ro TikTok. Daoine òga a' dèanamh dannsaichean neònach agus tòrr bheachdan connspaideach a' dol? Gheibhear gu leòr den leithid air Twitter agus tha rudeigin ann an cruth bhideo a bheir am facal labhairteach nas fhaisge air a' chridhe. Ach le òran singilte ùr ri reic, bha agam ri beachdachadh air dòigh ùra mo theachdaireachd fhèin a thoirt seachad. Mar sin, shaoil mi gum feuchinn e.


Tha mi toilichte gun do dh'fheuch. Gu dearbh, mar gach meadhan sòisealta eile, tha butarrais gu leòr a' dol, ach le bhith a' sireadh #Gàidhlig thàinig mi tarsainn air coimhearsnachd ùr, beòthail a tha làn taice dha chèile is a bhios a' feuchainn cor na Gàidhlig adhartachadh ann an dòigh ùr-nòsach. An-seo gheibh sibh beagan eòlas feadhainn aca is an seòrsa susbaint a bhios iad a' cruthachadh.


@Locheil / @HebrideanBaker / @Celtic_Sian

Thòisich TikTok leis ainm eile - Musical.ly - mar aplacaid-fòin a chaidh a chruthachadh ann an Shanghai, an t-Sìona, le Alex Zhu agaus Luyu Yang ann an 2014. Ged as e aplacaid foghlaim a bha fon phrospaig, sa chaid dol-a-mach, fhuair iad a-mach gu math sgiobalta nach dèanadh iad airgead às a leithid. Le Musical.ly chruthaich iad àite ùr air-loidhne airson lip-syncs a mhaireas còig diogan deug, a' cleachdadh òrain mòra pop. Ro 2016, bha tuilleadh is seachdad millean de dhaoine ga chleachdadh.

Bhon àm sin, tha còrr is dà bhillean de dhaoine air a bhith a' cleachdadh TikTok o dh'atharraich an luchd-leasachaidh ainm. Tha e air bhith feumail do dh'òigridh is feadhainn dhiubh air sàr-chliù a chosnadh leis, leithid Charlie D'Amelio. Thòisich ise a' cur bhideothan dannsa air an aplacaid agus, ann an 2020, tha trì millean air fhichead de luchd-leantainn aice air Twitter agus seachdad 's a h-aon millean air TikTok fhèin. Uile gu lèir, sin an aon uiread de dhaoine a bhios a' fuireach san Rìoghachd Aonaichte.


@Locheil


Gun teasgamh sam bith, 's i @Locheil banrigh na Gàidhlig air TikTok. Bana-ghàidheal gun smior, tha fìor ùidh aice ann an eachdraidh na Gàidhealtachd agus 's tric a bhios cuspairean nam Fuadaichean is Chùl Lodair a' nochdadh na cuid bhideothan.


Tha foghlam na Gàidhlig na h-amharc, cuideachd agus am measg nam bhidoethan as motha a bhios a' còrdadh ri daoine, tha sreath de bhideothan ionnsachaidh. An-dràsta, tha @Locheil a' dèiligeadh ri sèimheachadh agus an tuiseal ghairmeach ach gheibhear cuideachd sreath briathrachais, a bhios feumail do phàrantan a' togail cloinne le Gàidhlig.


Le nàdar càirdeil agus fasan air flìoc, tha e furasta tuigsinn carson a bhiodh còrr is seachd 's a h-ochd mìle de luchd-leantainn aice air TikTok. Cumaibh sùil a-mach airson na criomagan aice, far an cuir i cèilidh air diofair sgìrean air feadh tìr mòr na h-Alba. 'S tric a bhios i a' siubhail thall thairis, cuideachd, a' toirt teachdaireachd na Gàidhlig seachad.


@HebrideanBaker

Mas @Locheil a' bhanrigh, 's ann le cinnt gur h-e Coinneach MacLeòid, @HebrideanBaker, a rìgh le còrr is naochad 's a sia mìle de luchd-leanntainn air TikTok. Bidh na bhideothan a' toirt sùil air na bhios e a' dèanamh sa chidsin, le bèicearachd, còcaireachd is ceàird nam measg.


Tha luchd-leanntainn Choinnich gu math mòr air a' chuilean Ghàidhealach aige, Seòras, a bhios a' nochdadh bho àm gu àm, agus a chèile Padruig cuideachd. Còmhla, bheir iad an luchd-leantainn aca ar tursan-dàna air feadh taobh siar na h-Alba - air chois, ann an caidheac, air a tràigh is an tac an tine. Tha Coinneach tuilleadh is moiteil às an dualchas Leòdhasach aige, a' sealltainn a chuid as fheàrr den eilean aige is a' toirt cothrom do dhaoine nach robh riamh ann beairteas is bòidhchead an deilbh-tìre fhaicinn.


'S ann gun teagamh gun d' rinn Coinneach leasan no dhà aig Nigella no sanasachd M&S, le lìbhrigeadh mall, cho Gàidhealach 's a ghabhas, a tha air nochdadh ann an comadaidh neach-leantainn no dithis eile. Leanaibh an cunntas aige airson blasad na Gàidhlig cuideachd, le mìneachadh aibidil na Gàidhlig agus gnàthasan-cainnte, gu seachd àraid airson luchd-tòiseachaidh.


@Celtic_Sian


Le ceum ann an eachdraidh agus freumhan sa Chuimrigh is sa Chùirn, tha @Celtic_Sian a' dèanamh obrach mòire gus Eòlas na Ceiltis a' stèidheachadh air TikTok is a dhèanamh tarraingeach do dh'òigridh.


Le fìor ùidh ann am beul-aithris, 's tric a bhios luchd-sìth is uilebheistean a' nochdadh na criomagan a tha làn meas air cultaran Ceilteach nan eilean seo. Le bunait acadamaigeach ann an Clasaigeachd, tha Sian math air na sgeulachdan is traidiseanan seo a chur ann an co-theasgsa na cruinne, a' tarraing coimeasan air na diofair aithrisean.


Le ochd mìle deug de luchd-leantainn, tha astar ri dhol aice mus ruig i àirde na dithis eile, ach le lìbrigeadh fiosrachail is foghlamaichte tha blas eadar-dhealaiche air a' chunntas aice, nach còrd ri daoine, is dòcha, a sheachdnadh rudan trom-chùiseach airson an àbhachas as àbhaist air an apalacaid. Tha àite airson a h-uile rud gu mòr, ach 's e as motha chòrdas rium-sa is gu bheil Siân làn spèis don chùis aice. Chan eil am beatadh air eòlas.


An Aghaidh na Stainge

Tha mi fhìn air a bhith a' cleachdadh TikTok airson conaltradh nas fheàrr a dhèanamh leis an luchd-leantainn agam, thar nam meadhanan sòisealta uile gu lèir. Tha e air bhith a' còrdadh rium a bhith a' dol an sàs ann an còmhraidhean timcheall air cànain, cultar is mion-chòirichean agus, ged a tha aithris mhòr air burraidheachd air an aplacaid, cha d' fhuair mise ach brathan còir, gu ruige seo, aig daoine.


Tha e sgoinneil airson sealladh a thoirt air beatha luchd-cleachdaidh is bheir e cothrom dhomh mìneachadh a dhèanamh air na pròiseactan agam uile. Gheibh sibh mìneachadh air a' phròiseact agam COR a chaidh a choimiseanadh le Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus Ocaidich, a bhis beò air-loidhne, uaireigin san Dùbhlachd.


Cùmaibh suil air a' chunntas agam @Marcas_Mac airson beagan bàrdachd, seinn agus còmhradh sa Ghàidhlig. Tha mi air tòrr luchd-ciùil air leth a lorg air, cuideachd, rud a chòrdas rium glan.

110 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page