top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Pop Iar-cholonach I

Updated: Aug 22, 2021

Keiino / Electric Fields / Clinigol



Am mìos seo dh’fhosgail co-fharpais nan òran mion-chànanach Liet Eadar-nàiseanta do thagraidhean. Chaidh a’ cho-fharpais a thòiseachadh ann an 2002 airson cothrom is àrd-ùrlar a thoirt do dh’òranaichean air feadh an t-saoghail, ag obair tro chànain fo bhagairt, a-rèir tuairisgeul UNESCO. Le tùs is cridhe ann san Fhrìoslainn, bidh a’ cho-fharpais a’ siubhail eadar dùthchannan, le stèidh chunbhalach ann an Tìr nan Sàmi, far a bhios i co-cheangailte ri Fèille na Càisge ann.


Tha seinneadairean is ceòladairean na Gàidhlig air soirbheachas gu leòr fhaotainn aig a’ cho-fharpais thar nam bliadhnaichean, le Alba Ghàidhealach air a riochdachadh le sàr tàlant, leithid Raonaid Nic an Fhùcadair, Màiri Anna NicUalraig, Macanta agus WHɎTE. ’S tric a bhios ar cuid thosgairean a’ tilleadh airson suidhe aig bòrd nam britheamhan, cuideachd, le comharraidhean air an toirt seachad le gach dùthaich a tha an sàs sa chùis, coltach ri cho-fharpais eile as aithne dhuinn.

Tha Liet air follais is cliù a thoirt air grunn luchd-ealain a bhios air an seachnadh leis meadhanan mòra o chaidh a stèidheachadh agus chanadh tu, is dòcha, gu bheil e air buaidh a thoirt air Eurovision cuideachd, le tagraidhean mion-chànanach air an taghadh airson an cuid dhùthchannan a riochdachadh an-sin, cuideachd. Cò aig nach eil cuimhne air tagradh na Frainge sna naochadan, le ceòl binn Breatnach aig Dan Ar Braz, an cuideachd Karen NicMhathain is Dòmhnall Seaghach againn fhìn. ’S corra uair a chluinneadh mion-chànanan Baltach ann, cuideachd, le coileanaidhean aig ceòladairean Sàmi, a’ riochdachadh Nirribhidh, o àm gu àm.


Keiino / Electric Fields / Clinigol

Bidh luchd-ciùil nan mion-chànanan a’ dol an aghaidh buaidh na colonachd, a bheir buaidh air cluiche-rèidio fhathast air feadh na cruinne. Ged as mòr a chluinnear ceòl na Beurla air na stèiseanan mòra air feadh na Rìoghachd seo, san Roinn Eòrpa, tha a’ chùis fada nas eadar-nàiseanta le ceòl ann an tòrr dhiofar chànanan a’ sreap nan cairtean-ciùil. A dh’aindeoin sin, tha dùbhlanan a bharrachd ro luchd-ciùil nam mion-chànanan, a’ dol an aghaidh saothair mhòr na Beurla, na Spàinnis is na Fraingis ann. Mar sin, tha obair Liet sàr-chudromach ceòl nam mion-chànanan a thoirt do luchd-èisteachd.

Keiino


Chaidh Keiino a stèidheachadh ann an Nirribhidh le amas ‘aonadh tro iolrachd’ a thoirt air aghaidh, agus le ceòl aca sa Bheurla, Nirribhis agus Sàmais Thuathanach. Nam measg tha Fred Buljo, rapaire agus seinneadair joik – canntaireachd thraidiseanta an Luchd-Sàmi – a bha roimhe na bhall den chòmhlan rap Sàmais Duolva Duottar. An cuideachd sheinneadairean Alexandra Rotan agus Tom Hugo, tha Keiino air soirbheachas gu leòr fhaotainn tro Melodi Grand Prix, co-fharpais ro-thaghadh na Nirribhidh agus Eurovision fhèin, a’ riochdachadh na dùthcha ann an 2019 le Spirit in the Sky, a thug a-staigh bàrdachd sa Bheurla is Sàmais.


B’ ann leothasan a bha fear den na h-òrain as motha a chòrd ri daoine air feadh na Roinn Eòrpa, agus, mar sin, chuir an còmhla roimhe leantainn air adhart mar thriùir, a’ foillseachadh a’ chiad chlàir aca – OKTA – an-uiridh. Le ceòl pop, air a mheasgachadh le blasad house agus buillean dealanach, bha Keiino air foirmle air leth fhaighinn, a chòrdas ri daoine ge b’ e dè chànan a th’ aca.

Air OKTA chluinnear grunn math de co-obrachadh le buidheann bheag de luchd-ealain, a’ cumail ceòl ron t-saoghal sna cànain aca fhèin. Nam measg tha Charlotte Qamainq (Inuktitut), Te Hau Tawhiti (Te reo Māori) agus Drezus, a sheinneas sa Bheurla ach a bhuineas do Chiad Nàisean ann an Saskatchewan, Canada.


Am measg nan òran tha fìor bhangair air a dhèanamh leis a’ chòmhlan Astràilianach Electric Fields, a bheir an Artaig an aircis teas an Leth a Deas. Tro OKTA, tha Keiino a’ dèanamh deagh obair drochaidean a thogail eadar cànanan is cultaran tro cheòl, a’ cruthachadh òran a’ comharrachadh eadar-dhealachais ach coitcheannas eadar mion-choimhearsnachdan, cuideachd.



Electric Fields

Fo brataich Electric Fields, bidh Zaachariaha Fielding agus Michael Ross à Astràilia, a’ cumail sàr-chiùil dhealanaich ro luchd-èisteachd agus a’ measgachadh an cuid chultaran fad an t-siubhail. Rugadh Fielding sna Tìrean Aṉangu Pitjantjatjara Yankunytjatjara ann an Astràilia a Deas, sgìre a chaidh a shònrachadh airson coimhearsnachdan tùsanach ann. Bidh e a’ seinn sa Bheurla agus san dà chànan tùsanach aige – Pitjantjatjara, Yankunytjatjara.

Sgaoileadh a’ chiad chlàr-ghoirid aca – Inma – ann an 2016, às dèidh dhuinn tighinn còmhla, mar dhithis, ann an 2015. Ron a’ shin, ghlac iad aire luchd-èisteachd, a’ coimhearsp air leth a chèile air Australia’s Got Talent ann an 2011 (Fielding) agus 2013 (Ross). Chaidh Inma a leasachadh airson an taisbeanadh aca leis an aon ainm, a thill do dh’Fhèis Iomall Adelaide am-bliadhna. ’S ciall tiotal na h-euchd ‘seinn le grunn ghuthan’, agus mar sin, thug a’ chùis a-staigh coileanaidhean aig Còisir Iwiri agus Còmhlan-dannsa Ciad Nàiseanan Astràilia a Deas.


Am measg nan òran tha urram ga thoirt do Nina Simone, guth a thug buaidh is cinnteach air seinn anammhor Fielding. Le measgachadh de bhuillean, fuaimean is cainnt aig diofair dhaoine, tha an clàr-ghoirid air leth shoirbheachail saoghail-ciùil leis fhèin a chur air bhonn.


Leis an t-seinn shònraichte aig Fielding is an riochdachadh aig Ross mar bhunait, bidh gach òran a’ fàs bhuaithe, nam measg Shade Away, òran gabhaltach le sèist a thilleas uair is a-rithist. Tha guth Fielding gun choimeas, a’ sruth an aghaidh crìochan gnè is cànain. Leis a’ chlàr-ghoirid air fad, nì Electric Fields soilleir gu bheil iad comasach air òran a chruthachadh a chuireas brag ris an ùrlar-dannsa ach air a bheil cumhachd chiùin beul aithris, cuideachd.


Clinigol


Thugadh aire luchd-leantainn pop air feadh na Rìoghachd Aonaichte air Clinigol, nuair a bha an t-òran aca – Perygl ­– am measg nan òran as fheàrr den mhìos air a’ bhlog-ciùil Popjustice ann an 2012. Cha b’ e naidheachd a bha sin do luchd-leantainn sa Chuimrigh fhèin, a bha eòlach gu leòr air a’ chòmhlan ais an cuid taisbeanaidhean air S4C is rèidio na Cuimris.


Lean iad orra san dòigh sin, leis a’ chlàr Discopolis ann an 2012 le òrain le Elin Fflur, Nia Medi, Rufus Mufasa is grunn eile. Le ceòl air a’ chruthachadh airson clubaichean-oidhche eadar Ynys Môn is Caerdydd, bha Gypsy Queen is Gwna Beth Sydd Rhaid b’ e seo a’ chiad clàr dùbailte a chaidh a chur mu sgaoil sa chànan Chuimreach agus ’s euchd shònraichte a th’ ann, a’ cumail guthan nam ban air thoiseach càch agus a’ sealltainn gu bheil ceòl pop is dannsa nan cànan Ceilteach ceart cho grinn ri rud sam bith a chluinneadh tu air Radio 1.


Às dèidh soirbheachas a’ chlàir, thill an dithis bhràthair le dreachan fuaimearra de na h-òran as motha a chòrd ri daoine, a’ toirt sealladh air comasan ciùil gach duine a bha an sàs ann – gu dearbh, ’s deagh òran a ghabhas a sheinn is a chluich ann an dòigh sam bith.


An Aghaidh na Stainge

Airson Mìos na Pròise, tha Keiino air tilleadh le òran ùr – Addjas – air a riochdachadh le Rüdiger Schramm.


A dh’aindeoin nam bacaidhean a chaidh a chur ro luchd-ciùil thar an dà bhliadhna, tha an còmhlan air a bhith gun sgur leis an òran a’ tighinn às dèidh Monument a chaidh a chur air adhart airson Eurovision 2021, ach nach do shoirbhich aig Melodi Grand Prix, aig a’ cheann thall.


’S truagh sin, oir is bangair eile a th’ ann le bhideo air leth, a’ toirt sealladh àlainn air Tìr nan Sàmi ann an Nirribhidh le deagh joik aig Fred.




21 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page