top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Marram

Updated: Mar 20, 2020

Turner & Jones

Ri thighinn

Tha Ealasaid Nic an Tuairneir agus Robbie Jones air ais, às dèidh dhaibh a bhith ag obair còmhla air film goirid ùr sa Ghàidhlig, a thogas drochaid ealanta eadar coimhearsnachdan Gàidhlig sna h-eileanan is sna bailtean mòra is a bheir guth do mhion-choimhearsnachd taobh a-staigh na coimhearsnachd fhèin, ann an dòigh dhàna.


Turner & Jones Marram

Tha Ealasaid Nic an Tuairneir a’ creidsinn gu mòr ann an cumhachd is so-dhèantas film gus sgeulachdan air am beag innse a chur ro luchd-amhairc. Dhise dheth tha e deatamach a’ Ghàidhlig a shealltainn mar mhodh conaltraidh co-aimsireil, nach seachain na rudan nach gabhar innse gu sìmplidh

Am mìos seo chaidh, thàinig clàradh de dh'fhilm ùr Gàidhlig gu crìch ann am Bongo Club Dhùn Èideann. Is dòcha nach b' e sin an t-àite ris a bhiodhar luchd-amhairc an dùil is gun deigheadh sgeulachd Ghàidhlig a stèidheachadh, ach bha na seallaidhean sin a' riochdachadh deireadh cuarsgaig air a toirt cruinn agus cuairt a thug an sgioba eadar baile mòr Dhùn Èidean is eilean Bheàrnaraigh Mhòir.


Às dèidh dhi ‘cut’ èigheachd air an t-sealladh mu dheireadh a chaidh a chlàradh airson am film ùr goirid Marram, bhris gairm aighearach air a’ chuideachd. Sa mheadhan bha James Ewan Armstrong – aithnichte do luchd-amhairc LGDT mar bhànrigh drag The Duchess – le froga mor geal air, a cheann gun ghruaig ach fhalt fhèin, liath agus maise-ghnùis bhoillsgeil air aghaidh. Timcheall bha riochdairean an dà choimhearsnachd aige – muinntir LGDTC+, gan toirt a-steach mar extras airson an sealladh seo a-mhàin agus Gàidheil le buinteanas do Leòdhas is Beàrnaraigh, le sàr-chleasaiche Dolina NicIllFhinnein nam measg.


Fad na mìosan a dh’fhalbh, tha Dolina air a bhith ann an riochd a mhàthar – Maragaidh – a’ leantainn sgeulachd a caractair bho tràighean gainmhich is murain ann am Beàrnaraigh gu club-oidhche ann an cathair-bhaile na dùthcha. Còmhla, tha iad air dol an aghaidh na rag-ghèile grunn thursan a’ toirt brìgh na sgeòil gu bith.


’S e rud mòr is gur e seo an dàrna film slàn – film goirid ann no às – a chaidh a dhèanamh tron a’ Ghàidhlig ann an Alba. ’S e rud nas motha tuilleadh is gur e seo a’ chiad phròiseact lèirsinneach riamh a bheir ghuth do sgeulachdan LGDTC+ tron a’ chànan fhèin. Dheth sin, tha Ealasaid cinnteach gur e an t-àm ceart sin a dhèanamh, a’ leantainn air làthaireachd gèidh ann an leasachaidhean litreachas is ceòl na Gàidhlig, is air a’ phrògram aithriseach Pròis aig Trusadh, a chaidh a sgaoileadh air BBC Alba an-uiridh.


Bha James an sàs sa phrògram sin, mar a tha sinn mar a tha e aig cridhe chùisean san fhilm seo. Mar an ceudna, ’s e nì an diofair gur e luchd gèidh aig a bheil a’ Ghàidhlig a bhios a’ cluich nan caractairean gèidhe ann, mar gum b’ e daoine LGDTC+ aig a bheil a’ Ghàidhlig a dh’innis an sgeulachdan fhèin air an telebhisean. Chan e beatha làitheil a tha seo, ge-tà, ach ficsean.


Tha Ealasaid deimhinnte gur ann às na h-àiteachan is na coimhearsnachdan fhèin a dh’èirich na caractairean, agus ìomhaighean an fhilm, gan toirt gu dìreach a-mach à seallaidhean a h-òigridh fhèin, mar gun robh i tric ann am Beàrnaraigh, dha bhuineas a h-athair is far a bheil taigh aig an teaghlach fhathast ann. A-rèir Ealasaid, ’s e cumhachd is dubhlan an fhilm Gàidhlig a riochdachadh beò, a’ tarraing na dualchasach is na ùr-nòsach, na dùthchail is na catharra còmhla air beulaibh a’ chamara.

An Aghaidh na Stainge


Tha Ealasaid is Robbie ag obair air an fhilm fhathast, le làrach-lìn ga chur air bhog an t-seachdain a dh’fhalbh. Gheibhear tuilleadh fiosrachadh air a’ phròiseact, an sgioba is dealbhan gu leòr an-sin. Thathar an dùil am film a chur air bhog rè na bliadhna. Chaidh am film a mhaoineachadh le tabhartasan a’ mhòr-shluaigh, le iomairt shoirbheachail air Indiegogo agus faodar taic a chumail rithe fhathast an-seo.



34 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page