top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Mairsinn Dràma na Gàidhlig

Updated: Nov 5, 2020

Gaelic Scenes for Surival @ NTS

Leis na taighean-cluiche uile dùinte rè na stainge, tha luchd-amhairc air a bhith ag ionndrainn gu mòr dìorras fìor dhràma fhaicinn air an àrd-ùrlar. Gu dearbh, chan eil sìon nas fheàrr na sgeulachd fhaicinn beò, a bheir thu sìos slighe còmhla ris na caractaran. Gus am beàrn a lìonadh agus obair a chumail ri sgrìobhadairean, cleasaichean agus luchd an thèatair, tha Thèatar Nàiseanta na h-Alba air sreath de dh'fhilmichean goirid a choimiseanadh, a bheir cothrom do dhaoine blasad an taigh-cluiche fhaighinn, fhad 's a tha na dorsan air a bhith glaiste.


Le fìor dealas don Ghàidhlig, tha luchd-ealain Gàidhealach air a bhith am measg na feadhna a fhuair cothrom. Sa chuideachd chliùiteach tha cleasaichean stèidhichte mar Dhàibhidh Mac an Fhùcadair agus cuideachd feadhainn òga, de nach fhaca sinn mòran gu ruige seo. Le sin, tha gach duine air cothrom fhaighinn sgeulachdan ùra innse, a' feuchainn ciall a dhèanamh den t-suidheachadh àraid seo.


Gaelic Scenes for Surival @ NTS


Tha Scenes for Survival na shreath ùr de dh'obair dhidsiteach air loidhne, air a chruthachadh ann an co-bhonn aig BBC Scotland, Screen Scotland, Culture in Quarantine aig BBC Arts, le taic bho Hopscotch Film. Tha feadhainn de na companaidhean dràma agus taighean-cluiche as cliùitiche ann an Alba air a bhith an sàs ann cuideachd, a' toirt sgioba mòr cruinn, is a' toirt oirnn ath-shealladh air dràma Albannach, ann an 2020.

Chaidh gach pìos fhilmeadh sna h-àiteachan far an robh na stiùirichean is cleasaichean ri fèin-iomallachadh no astarachadh sòisealta. Mar sin tha bailtean mòra Ghlaschu agus Dhùn Èideann air an riochdachadh, ach cuideachd sgìrean iomallach leithid Sealtainn, Arcaibh is na h-Eileanan Siar. Ged as e saothair na Gàidhlig a tha fon phrospaig an-seo, gabhaidh an sreath uile gu lèir a-steach sàr-choileanaidhean aig na cleasaichean uile gu lèir, ann an Beurla agus Beurla Gallta. Gheibh luchd-amhaic sealladh air rionnagan mòra leithid Alan Cumming, Brian Cox agus Liz Lochhead.

Dirlo - Am Fear Maireann



Chaidh Dirlo a sgrìobhadh leis a' chleasaiche is bàrd Iain MacRàth às na Hearadh, as aithne dhuinn uile tro a chuid obrach ann am Machair is grunn dràmathan Gàidhlig, o shin a-mach. Chaidh am pìos a stiùireadh le Liz Carruthers, a bhuineas do Ghlaschu, is a tha air dealbhan-cluiche a stiùireadh don àrd-ùrlar roimhe, cuideachd.


Aig cridhe gnothaich tha coileanadh Dhàibhaidh Mhic an Fhùcaidair, a bheir dhuinn beachdan Dhirlo, on toiseach, leis a' chamara faisg air aghaidh. 'An-fhoiseil', ann am faclan Dhirlo fhèin, seo cunntas de linn a' Choròna, a bheir sùil air an dòigh a thugadh an cinne-dhaonna 'nas fhasige air an t-Sìorraidheachd' agus tha Mac an Fhùcadair airidh air moladh airson coileanadh a tha an dà chuid ceasnachail is cugallach.


Air a ghlèidheadh ann an eilean is an sàs ann an obair fhearainn, tha Dirlo air a chuairteachadh leis a' chuan gun ach gin a chòrdas ris ach cuideachd a sheann-charaid air tìr mòr. Ri sìor-ghearan a shuidheachaidh, cuiridh e litrichean gu a bhean. 'S ann anns an sgrìobhadh sin a thig dìomhaireachdan am bàrr.


Craic Head



Air a sgrìobhadh le neach-ealain òg a chleachdas an t-ainm Hammy Sgìth, tha am pìos seo làn fealla-dhà agus àbhachas Ghlaschu. Tha e math cuid ùr, làn spionnaidh, fhaicinn air an sgrìon, a tha deònach a cuid Ghàidhlig a' cur gu feum ann an dòighean ùr-nòsach.


Le cion leasachaidh air saoghal comadaidh na Gàidhlig an-dràsta, tha na coileanaidhean aige a' dèanamh mòran gus am beàrn a lìonadh, ach tha e fada ro fhoilliseach gu bheil an cleasaiche ro fhaisg air toiseach ionnsachadh a cuid Ghàidhlig airson an coileanadh a leasachadh tron chànan. Bha dràma, ga chleachdadh mar sgeama leasachaidh cànanach ri fhaicinn roimhe, gu seachd àraid ann an obair Mhàrtainn Uí Chonchobhair le Togail Nàisean. Ach, mar a rinn Ó Conchobhair buinnig den in-chòmhradh na inntinn, timcheall air cànan, dualchainnt is blas, chan e sin a tha fon phrosbaig seo.


Tha gainnead chothroman do sgrìobhadairean a tha fileanta is fiosraichte sa chànan agus an t-uabhas deagh obrach ga sheachnadh aig luchd-rianachd nam buidhnean dràma an-dràsta, air sgàth dìth maoineachaidh bhon na buidhnean mòra. Tha am fasan airson cothroman profeasanta a chleachdadh airson oideas cànain a' fàgail ceist mhòr os cionn nan daoine a gheibh is nach fhaigh cothrom. Chan e Hammy Sgìth as coireach dhe seo, agus san fharsaingeachd chumainn taic ri duine òg sam bith a tha airson rudan ùra fheuchainn, ach dhòmhsa dheth, feumar prìomhachais taice a chumail riuthasan a tha fìor chomasach an toiseach, airson obair aig sàr ìre a chruthachadh, mas tarraingear luchd-tòiseachaidh a-steach dhan chùis. Tha seo a' sealltainn mar nach bi am fasan a' freagradh na cùise le saoghal Gàidhlig na mion-choimhearsnachd fhathast.


Ged a fhuaireas sàr-thaic aig stiùiriche Muireann Ní Cheallaigh agus Theatre gu Leòr, agus fìor dheagh bheachd a tha aig bun a' ghnothaich, chaidh teagsa a chleachdadh cho mòr san fhilm gus falach fianais a dhèanamh de na bha a dhìth sa phrìomh choileanadh. A dh'aindeoin sin, seo cleasaiche a bhios spreòdach fhaicinn an ceann bliadhna na dhà, ma chumas e a' dol leis a' Ghàidhlig.


Danni The Champion



Air a sgrìobhadh leis an Niseach Iain Fionnlagh MacLeòid is a stiùireadh le Laura Cameron Lewis, a bhios a' fuireach ann an Ùig Eilean Leòdhais, tha am film seo dàna is drùidhteach. A' leantainn bana-ghaisgeach òg, Danni, is i air galabhant air feadh an eilein, gheibhear, anns an fhim, sealladh air beatha òigridh ann an Innse Gall, na beachdan aca is an bhios iad a' sùileachadh airson an àm ri teachd.


Dh'fhaoidte gur e seo a' chiad turas a tha cuspairean LGDTC air nochdadh ann an dràma na Gàidhlig agus tha sin fìor mhath ri fhaicinn. Leis an tost a bhios timcheall na cùise ann an sgìrean iomallach fhathast, nì sgeulachd Dhanni mòran airson na sàmhchair a bhriseadh. Tha an coileanadh aig Francesca Taylor Coleman cho math ris na chunnaicear riamh air saoghal dràma na Gàidhlig is seo bana-chleasaiche òg a bu chòir a nochdadh ann an Bannan cho luath as urrainn, ma tha Young Fi;ms glic gu leòr grèim fhaighinn oirre.


San fhilm bidh cultar an eilein agus cultar tìr mòr is na cuinne fhèin gam measgachadh ri chèile. Tha Danni dèidheil air cuairt sa chàr timcheall Steòrnabhaigh air an oidhche, ach an àite Niteworks, 's e Lynard Skynnard a bhios a' bualadh a-mach às an stereo. Bheir am film seo sealladh air dè cho duilich 's a tha e do dh'òigridh ann an coimhearsnachdan sna h-eileanan, le smachd gu leòr aig na h-eaglaisean is dìth tuigse aig a pàrantan, ach san dealachadh, tha dòchas ann, mar a bhios gu bràth.


Le Clèir Steòrnabhagh air dol an aghaidh foghlam LGDTC ann an Gaiseat Steòrnabhaigh, ag ràdh sa Bheurla - mar a bhiodh tu an dùil - that "there is the very real danger that [homophobia and trasnphobia] will be replaced by heterophobic and faithophobic bullying against those who are unable to ‘embrace’ an ideology that goes against their conscience, morality, and /or faith position", mholainn dhaibh uile am film cumhachdach seo fhaicinn. Tha an t-àm ann airson beachdachadh air buaidh bheachdan an leithid air beathannan òga. Tha foghlam ann an dràma, cuideachd agus gu dearbh fhèin, 's e adhbhar ealain ceistean a thogail. Seo film beag a nì sin gu math.


An Aghaidh na Stainge

Tha Scenes for Survivial saor 's an asgaidh rim faicinn air an làraich aig an Thèatar Nàiseanta agus air YouTube, air duilleagan a' BhBC. Bheir iad sealladh air beatha, gaol, aonranach is mairsinn agus tha iad gan cur ro luchd-amhairc làn an dòchas gum fosgail dorsan taighean-cluiche uaireigin, gus fàilte a chur oirnn uile a-rithist.


58 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page