Realt Records
Ann an Gàidhlig na h-Èirean bithear ag ràdh ‘cas amhrán.’ Seach òran a ghabhail, tha seo a’ ciallachadh car a chur air òran – rud a bheir oirnn smoineachadh air òran a dhèanamh ùr air teanga an t-seinneadair. Leis an EP ùr aige, bidh Fiachra Ó Corragáin a’ diuchdadh romhainn mar òranaicha, seach ceòladair a-mhàin, airson a’ chiad uarach, a’ gabhail ceuma air falbh bhon chlàrsaich as àbhaist dha. Mar sin, leis a’ phròiseact-clàraidh ùr a tha seo, tha Fiachra air cothrom a chur roimhe car a chur air an ìomhaigheachd a thig an cois a cuid ealain, cuideachd, gus neach-ealain slàn a chur romhainn-ne.
Fiachra Cas
’S ann le ùidh a fhuaireas a-mach gun deach EP ùr a chur air bhog aig Fiachra, far an cluinnear e a’ gabhail ri òrain traidiseanta na h-Èireann, as ùr. Gu dearbh, mar a nìthear iomradh le tiotal an EP, tha an ceòladair à Contae Corcaí air slighe thogail a tha ùr dha-san, ach le òran mòr aithne do gach neach a tha dèidheil air ceòl traidiseanta Èireannach. Saoil, a bheil dreach ùr ‘Cad É Sin don Té Sin’ a dhìth agus e a’ nochdadh cho tric aig cèilidhean air feadh na poblacht is air an t-uabhas chlàran, gu ruige seo. Gu dearbh, ’s e rud dàna do sheinneadair sam bith a’ bhith a’ cur òran cho ceanalta do luchd-èisteachd – smaoinichibh air ‘Fear a’ Bhàta’ againne.
Ann an dreach Fhiachra, ge-tà, tha sinn a’ cluinntinn gu bheil e air an t-òran fhèin a thoirt sìos slighe ùr agus a luchd-èisteachd còmhla ris. Bidh an clàr singilte a’ tòiseachadh le buillean innealach is guthan cruinnichte agus bhon chiad dol-a-mach, ged a dhiùltar coimeas a dhèanamh eadar cuid òg agus sàr-cheòladairean a’ ghinealaich roimhe, chan urrainear seachnadh gu bheil buaidh Clannaid gu mòr ri chluinntinn ann. Chaidh an t-òran a leasachadh gu crescendo is caochladh-gleusa le ceòl fìdhle, clàrsaiche agus bogsa-ciùil a-steach gam filleadh dhan cho-sheirm, ann an làmhan Fhichra fhèin. Mus ruisgear na puingean-ciùil mu dheireadh, ’s lèir gur e co-sheirm gu tur ùr-nòsach a tha Fiachra air cumail ris an òran, a tha gu math soirbheachail.
Mas melisma a tha ri chluintinn ann an 'Cad É Sin’, ’s e ruitheam as motha a tha a’ stiùireadh ‘Tá na Báid’, le measgachadh de bhuillean-chuisle robotaireach agus fuaimean na fànaise. Tha na guthan cruinnichte ann fhathast, le co-sheirmean gutha inntinneach. Ga chluinntinn leis fhèin, tha an guth binn is misneachail ach aotram fhathast. ’S e nach eil cinnteach is a bheil de rud anns na coileanaidhean seinne seo a ghlacadh aire an èisteachd, às aonais ùr-ghnathachadh gach rud a tha a’ dol timcheall air, ach is dòcha nach cùis mhòr a tha sin. ’S cinnteach gur sàr nan ealan a th’ ann an Fiachra - duine comasach le grunn ionnsramaidean is riochdachadh ciùil agus gheibhear seallaidhean a bharrachd air a cuid cruthachalachd san dòigh a bhios na meadhanan lèirsinneach gan cur gu feum gus cur anns a’ phròiseact. Nam measg, na meadhan sòisealta aige far am faicear fotografachd brìoghmhor, le fasan is corp feitheach a’ tighinn an uachdar na mara is an dealbh-tìre – rud a sheallas dealas an dàmh a chumail eadar an tradisean is an tìre ann tro mhodhan co-aimsireil. Ach a bheil tuilleadh ann seach deòin aodach a chitheamh bhuaithe airson an clàr a reic?
Tha soilleireachd ga thoirt air sin leis na bhideothan ciùil, a bhios san treas phàirt dheth, far an cur Fiachra guth, ceòl, fasan, ìomhaigheachd is corporrachd rin cèile ann an dòigh ghrinn is misneachail – a’ fighe dannsa co-aimsireil le blasad Gàidhealach a-steach dhan mheasgachadh. Tha solas rim faicinn, tron na bhideothan air fad, le ìomhaighean na mara gan tilgeil thar an t-seinneadar is e ri gluasad, daoimeanan is boillsgeadh air a lèintean agus nìtheon gu lèor. Gu dearbh fhèin, ’s e seo an dearbh rud a nì na h-ealain traidiseanta tarraingeach don ghinealach Instagram a tha air am beò-ghlacadh le daoine òga eireachdail air Love Island, ann an cùltar pop is a leithid. Mar sin, is dòcha gu bheil gliocas sa chleas ach ’s e tha cinnteach is nach eil crìoch air tàlantan a' Chorcaighich òig. Tha sin ri fhaicinn gu mòr sa phròiseact air fad. Gun teagamh, tha sinn a’ faicinn èirigh fìor rionnaige ùire ann an iarmailt nan ealan Gàidhealach, an-seo.
An Aghaidh na Stainge
Bidh Fiachra a’ cumail fiosrachaidh ri luchd-leantainn tro Facebook agus Instagram, rè na Stainge. Gus ur cumail fut, tha e air workout ri dhèanamh bhon taigh air IGTV agus cluinnear òran ùr sa bhideo, cuideachd.
Comentarios