top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

M. Eòghainn MacGriogair / Feitheamh

Updated: Aug 24, 2021

Às-dùnach air STAING

Bha e riamh doirbh a mhìneachadh dè th’ ann an ealain lèirsinneach na Gàidhlig. An e obair a bheir a-steach blas no briathrachas na teanga fhèin, no an leòr dhuinn sealladh Innse Gall no na Gàidhealtachd, gus ainm a’ chànain a chumail rithe? An e dòigh-smaoineachaidh nan Gàidheil a bheir air luchd-ealain na Gàidhlig coimhead air an t-saoghal tro lionsa a chuid eòlais, no an ann mar a chanas cuid eile is an cànan fhèin a tha san lionsa seo? Bidh an t-saothair ùr seo aig Maighea Eòghainn MacGriogair, ga taisbeanadh gu h-às-dùnach air STAING, a’ toirt oirnn na ceistean sin a chur as ùr.


Fad 2019, bha i a' feitheamh. Feitheamh freagairt Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Breatainne. Feitheamh fios a bhith aice is am b' urrainn dhi fuireach san dùthaich far an do chuir i freumhan

Stèidhichte a-nis ann an Glaschu - agus i an dòchas fad beatha - thoisich Maighea Eòghainn MacGriogair a' bhliadhna 2020 làn dòchais duilleag ùr a thionndadh. ’S i agus an sgeul aice a bha rin leughadh sna pàipearan naidheachd an-uiridh, a’ soilleireachadh cùis nan in-imrich ann am Breatainn nan Tòraidheach. Aig an àm sin, bha na h-aithisgean cha mhòr nam mac-talla den phort aig Sìne Halfpenny, an tìdsear Canadanach a chaidh a dhiùltadh aig Oifis na Dùthcha às dèidh dhi dreuchd a chosnadh ann an sgoil Muileach, agus aig Ariel Killick, an neach-ealain Astràilianach, a stiùir iomairt gus aithneachadh a thoirt air diaspora nan Gàidheal. Mar sin, ’s beag an t-iongnadh gun sireadh neach-ealain den leithid fois ann an cruthachalachd, gus tionnsgalachd a chleachadh agus stem a dhèanamh den bhliadhna a dh’fhalbh.


Tha Maighea Eòghainn MacGriogair na neach-ealain nach gabh ri crìch no cuinge. ’S ann sa Ghàidhlig a tha i air slighean ùra do chruthachalachd a lorg, a bheir cothrom dhi sgrìobhadh, seinn is smaoineachadh ann an cànan eile is a bogadh ann an cànan nach bu nòs dhi ach o chionn beagan bhliadhnaichean. Ged a rugadh i anns na Stàitean Aonaichte, ’s e blas baile a roghainn fhèin a tha ri chluinntinn na chuid Bheurla, a-nis, a’ sealltainn, is dòcha, mar a ghabhas cuid a dhachaigh ùr don chridhe cho mòr is gu bheil e na bhall den bhodhaig fhèin. Mar sin, seo ealain a sheachnas a’ chàraideachd, a bheir air luchd-amhairc coimhead air ais is air adhart do na chaidh seachad is na tha romhainn.


Tha Maighea Eòghainn a’ dèanamh gu mòr gus dùbhlan a chur ro luchd-amhairc ealain na Gàidhlig. An sàs ann an co-fharpais an aigeallain-airgid aig Mòd Ghlaschu, sheall i na tha comasach do chuid sam bith a tha dealasach gu leòr Gàidhlig ionnsachadh gu fileantas agus i na pàirt de shluagh de Ghàidheil Ùra a bhios trang, a’ filleadh a' chànain a-steach do bheatha a’ bhaile mhòir. Ach, leis a’ chànan air a teanga agus am measg buidhne bige de luchd-ealain LGDTC+ na Gàidhlig, tha i ann an cuideachd a bhios a’ strì gus fianais a thoirt air na h-ionnanachdan faoisgneach a tha seo, airson ginealaich ùr, rin tighinn.


Tha sin ri chluinntinn sna h-òrain. Ged cho mòr 's a tha i dèidheil air òrain traidiseanta nan Gàidheal, tha i air òran ùr a chumail ris, an t-seachdain-sa fhèin. Mar dhealbhadair, tha Maighea Eòghainn ceart cho buailteach a’ bhruis a sheachnadh gus modhan ealain ùra a lorg ann an teicneòlas na linne seo.


Mar sin, sna dealbhan seo, fhad 's a sheachnas i na h-ìomaighean de shnaidhmean Ceilteach ris am biodh feadhainn an dùil ann an ealain lèirsinneach na Gàidhlig, chìthear rudeigin uile-choitcheann, a chuireas cultar na Gàidhlig air ais, am measg cultaran an t-saoghail mhòir. An-seo, tha samhlaidhean aithnichte am measg tùsanaich Ameireaga ri taobh chruthan corporra, a bhios rim faicinn air feadh na daonnanachd, ach gu seachd àraid ann an sgrìobhainnean saidheansail. Ach leis na taghaidhean a rinneadh a thaobh briathrachas, bàrdachd agus ealain-sgrìobhaidh, gam filleadh anns an t-saothair, chìthear gur i a’ Ghàidhlig a tha aig cridhe a’ chùis. Sin rud a sheallas cò ris a bhios ealain lèirsinneach na Gàidhlig coltach san àm ri theachd, ma dh'fhaoidte, ma bhios comas aig an neach-ealain an cànan, an dualchas, a’ chathair is an linne a tha romhainn a cho-shìneadh.


An Aghaidh na Stainge


Tha Maighea Eòghainn ri lorg air feadh an eadar-lìn, le duilleag Twitter beòthail far am faigh sibh sealladh air a' phròiseas chruthachail aice agus a bheatha làitheil. Airson nan nobhailean Bheurla aice a lorg, faicibh an duilleag seo. Airson fiosrachadh a' chòmhlain, Fuaran, faicibh an duilleag seo. an An t-seachdain seo, chuir i air bhog iomairt ùr air-loidhne far am bi i a' craoladh sgeulachdan is òran tro Twitter. Faic a' chiad earrann gu h-ìosal.





64 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page