top of page
  • White YouTube Icon
  • White Facebook Icon
  • White Twitter Icon
  • White Instagram Icon

Deborah Moffatt

Writer: Marcas Mac an TuairneirMarcas Mac an Tuairneir

Bàrd agus Eadar-theangair

Rugadh is Deborah Moffatt ann an Norwich, Vermont, na Stàitean Aonaichte. Chaidh i gun Sgoil Putney (Putney Vermont), Oilthigh Washington (Seattle) is Oilthigh Boston. Tha fo-cheum aice ann an Spàinnis is Conaltradh is maighstireachd ann an Dàimh Phoblach. Aig an oilthigh, dh’ionnsaich i dannsa Ear-mheadhanach is rinn i coileanaidhean fad bhliadhnaichean timcheall air Boston fo ainm Sa’ida. Chuir i bliadhnaichean mòra seachad ann an Ameireaga Laideannach, far an robh i a’ fuireach san Argantain, Uruguaidh agus Meagsago is far an robh i ag obair na neach-naidheachd, is na Deasaiche an Ionmhais aig The News ann an Cathair Mheagsago. Ann an 1982, rinn Deborah siubhal ann an Alba, far an do leig i acair, pòsta aig Albannach. Bidh i a’ fuireach ann an Kingsbairns a-nis; baile beag faisg air Cill Rìmhinn ann am Fìobha.

Tha fios gu bheil cothroman gu leòr air ar son - na daoine cruthachail - a bhith a’ cur ar cuid obrach air an eadar-lìon, agus tha sin cudromach agus feumail dha- rìreabh. Ach chan ionnan sin agus a bhith aghaidh ri aghaidh agus air beulaibh dhaoine eile

Cha bha mi a’ cleachdadh mo chuid sgrìobhaidh airson na rudan poilitgeach a chur an cèill anns a’ chiad dol a-mach. ’S fheàrr leam a bhith a’ meòrachadh greis mhòr air cuspairean cudromach mar seo, mus cuir mi mo chuid smaointean air pàipear. Ach bidh mi a’ sgaoileadh fiosrachaidh mun obair cruthachaill bhios daoine eile a’ dèanamh a bhios cuideachail no brosnachail aig an àm doirbh seo.


'S ann glè ainneamh a bhios mi a’ sgrìobhadh mu cuspairean “làithreach”. Chan eil mo bheatha chruthachail do duifraichte, buileach, aig an àm seo

Tha dùil agam gum bi duilgeadasan aig luchd-fhoillseachaidh, ge-tà, a thaobh na dòigh obraich aca, agus a thaobh maoineachaidh. Mar sin, ’s dòcha nach bi mmo chuid obrach a’ nochdadh ann an clò airson greis is cha cothrom a’ bhith a’ leughadh aig feisean ’s a leithid. Tha fios gu bheil cothroman gu leòr airson sinne - na daoine cruthachail - a bhith a’ cur ar n-obrach air an eadar-lìon, agus tha sin cudromach agus feumail dha-rìreabh. Ach, chan ionnan sin agus a bhith aghaidh ri aghaidh, air beulaibh dhaoine eile.


Bidh mise a’ cumail orm leis na pròiseactan sgrìobhaidh a thòisich mi ron àm seo. Bidh, agus tha, cuspairean na h-aimsir seo – an galar fhèin, agus na ceistean a’ bhios ag èirigh na chois – ceistean sòisealta, poilitigeach, moraltachd – a’ lìonadh m’ inntinn, ’s iad a' cu bacadh orm, fhad 's a bhios mi obair aig amannan, le bròn ’s eagal. Ach, ann an dòigh eile, tha an t-eagal ’s am bròn gam bhrosnachadh, a’ geuradh m’ inntinn is a’ toirt misneachd dhomh a bhith a’ dèanamh obair fiachail.


Carpe diem. Quam minimum credula postero.



An Aghaidh na Stainge


Bha 2019 na bhliadhna thrang do Deborah. A bharrachd air dà cho-chruinneachadh bàrdachd - Dàin nan Dùil (CLÀR) Eating Thistles (Smokestack Books) a chur an clò, bhuannaich i corra duais, leugh i aig corra tachartas agus nochd a cuid bàrdachd ann an grunn ràitheachan. Rè na stainge, tha coltas dripeil aig 2020, cuideachd, le sgrìobhadh ri leughadh ann an STEALL, Poetry Salzburg is Cabhsair agus, ro dheireadh na bliadhna, duanaire ùr aig Bloodaxe. Tha Deborah gus a bogadh ann an iomairt ùr, eadar-theangachaidhean bhon Ghàidhlig, agus a' chuid as motha dhiubh den obair aig Niall O' Gallagher - bàrd anns an cùm i meas mòr.


Recent Posts

See All

Comentários


© 2023 by ENERGY FLASH. Proudly created with Wix.com

bottom of page