top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Ath-thilleadh Bhana-phrionnsachan Pop

Louise Redknapp / Natasha Bedingfield / Gabrielle

Le craoladh an t-sreatha aithrisich aig a’ chòmhlan pop Steps ann an 2011, air Sky Living, thòisicheadh deichead de thilleadh is ath-èisteachd a’ chiùil a chòrd rinn, a’ dol air ais gu ruige tùs nan nochdadan. Thug an sreath sealladh air aimhreit am measg na ballrachd a bha, gu ìre mhòr, ga chumail air falbh bho na camarathan, fhad ’s a bha H, Claire is an caraidean – mas caraidean a bh’ annta – an sàs ann an ìomhaigh ghleansach bubblegum a chumail mu choinneamh luchd-èisteachd, an cois òran aotram fiughaireach, a thàlas sinn fhathast dhan ùrlar-dannsaidh aig bainnsean is partaidhean. Ach air chùl a’ ghàire bhoillsgich, bha sgeulachdan eile ann – mì-rùn companaidhean nan clàran is dìth dhlighean, a dh’aindeoin soirbheachas a’ chiùil.


Louise Redknapp / Natasha Bedingfield / Gabrielle

Chualas an ceudna ann an dà shreath de The Big Reunion, gan craoladh ann an 2013 is 2014, a ghabh a-steach còmhlain leithid B*Witched, Eternal agus Liberty X agus iomradh air droch shlàinte inntinn is mì-rian ithe. Ach, a dh’aindeoin duibhre nan dìomhaireachdan, bha sinn air ar beò-ghlacadh leis an rèiteachadh eadar seann-charaidean ceòlmhor agus cothrom òrain a chòrd rinn cho mòr, is sinn òg, a chluinntinn, a-rithist.

Bha beàrn san iomairt, ge-tà, is na sreathan sin a’ toirt aire do chòmhlain a-mhàin, a dh’aindeoin pailteas nan seinneadairean a bha rim faicinn air Top of the Pops agus SMTV:Live aig an àm. Agus, fhad ’s a bhiodh Britney Spears agus Christina Aguilera a’ cur cèilidh oirnn, bho àm gu àm, sna h-eileanan seo agus òran singilte ri reic aca air tèap no CD, bha sluagh de bhana-phrionnsachan pop againn fhìn, a tha cuideachd air tilleadh gu ar n-aire fad nam bliadhnaichean a dh’fhalbh.

Louise Redknapp


Mus robh Little Mix ann, fiù 's mus robh na Spice Girls ann, bha Eternal ann gus sàr cho-sheirmean a chumail rinn. Sa chòmhlan, bha ceathrar bhana-sheinneadairean à Lunnainn a rinn trèanadh ann an eaglaisean soisgeulach agus sgoil-dràma Italia Conti, mus deach an toirt còmhla ann an 1992 le Denis Ingoldsby airson a’ chiad clàr aca Always & Forever a chur air dòigh. Lean an soribheachas aca le sreath de dh’òrain singilte agus Stay, Just A Step From Heaven agus Oh Baby I… nam measg, mus do chuir Louise Rednapp – no Louise Nurding, mar a bha – roimhpe nach gabhadh i tuilleadh ris an diùbhras chruthachail eadarra. A’ caitheamh a cinnidh bhuaipe, chuir i a-mach trì clàran fad nan nochdadan is toiseach nam mìle bliadhna ùr, mus do phòs i an cluicheadair bàil-coise Jamie Redknapp. Dh’fhàg i an saoghal pop gus an dithis bhalach aca àrach.

Ann an 2016, thill i gu sgrìonaichean telebhisein air Strictly Come Dancing – rud, a-rèir agallamhan, a dheachd innte sannt ceòl a dhèanamh às ùr. An sàs ann an riochdachadh 9 to 5 ann an taighean-chluiche air feadh na rìoghachd, às dèidh dhi a sgilean dannsaidh a chur an gleus, thill i dhan stiùidio ann an 2018, le clàr ùr Heavy Love ga chur air bhonn, an-uiridh.


Natasha Bedingfield

Cò aige nach eil cuimhne air an teaghlach Bedingfield a chum an rèidio beò, fad nan ciad bhliadhnaichean às dèidh 2000. Bha Daniel ann, an toiseach, leis na balantan is fuaimean garaids agus, às a dhèidh, bha a phiuthair Natasha. Fhuair sinn a’ chiad chlàr aice Unrwritten ann an 2004, le òran singilte leis an aon ainm air an aon bhliadhna – òran a bhuannaich duais Grammy. Ann an Ameireaga, chaidh an t-òran a chleachdadh san t-sreath fìorachd The Hills, a bha am measg nan ciad shreathan den leithid is a stèidhich an genre a tha cho mòr na phàirt de chraoladh, na làithean-sa.

Ann an 2009, phòs i an neach-gnìomhachais Matt Robinson agus bidh i a’ fuireach ann am Malibu leis a’ phàiste aca, far a bheil i an sàs gu mòr sa chathrannas cloinne Global Angels, a stèidhich a màthair. Nuair a thill an sreath telebhisein The Hills fo bhratach The Hills: New Beginnings an-uiridh, le sgioba-cluiche sean is ùr an cois Heidi Montag is Spencer Pratt, thug sin cothrom dhi ath-nuadhachadh a thoirt air seann phort. Chuir i a-mach ath-mheasgachadh Unwritten air an aon bhliadhna, a' thoirt sàr-òran air ais is a-steach dhan linn sa bheilear beò.


Gabrielle

Chan urrainnear smaoineachadh air ais air ceòl nan nochdadan às aonais cuimhne air Gabrielle, a phaidse-sùla leugach agus a’ chiad òran aice Dreams. Chaidh sinn gu mullach nan cairtean ann an 1993. Bha i soribheachail a-rithist ann 2000, leis a’ chlàr aice Rise agus na h-òrain singilte Sunshine agus Rise, a chleachd sampall Bob Dylan – rud nach ceadaich e tric, idir. Air a’ chlàr sin cuideachd, bha òran beag aithnichte ach fìor mhath, Tell Me What You Dream, agus ’s fhiach cuimhneachadh gu bheil Gabrielle air bhith ann sàs ann an sgrìobhadh aig cha mhòr gach òran a nochd air a cuid chlàran, gu ruige seo – rud glè ainneamh air an t-saoghal pop.

Is dòcha gu bheil sibh air Gabrielle fhaicinn mar neach-phannail Loose Women, bho àm gu àm. Às dèidh dhi bhith gun ceòl a chur a-mach fad ùine mòire, thill i le Greatest Hits agus dreach ath-mheasgaichte de Rise, Rise Underground, ann an 2013. Tha i air a bhith ag obair le Naughty Boy agus Emeli Sandé, o chionn ghoirid agus ann an 2018, chuir i clàr ùr a-mach – Under My Skin ­– gus fichead bliadhna ’s a còig de cheòl a chomhrrachadh. Leis an dàrna òran singilte bhon chlàr ùr – Shine – cluinnear gum bi na h-òrain a’ taomadh a-mach aiste, fhathast.


An Aghaidh na Stainge

Cò na seinneadairean is còmhlain bho na 90an is na 00an a chòrd as motha ribh, is cò as motha a chòrdadh ribh fhaicinn air ais? A bheil sibh air tilleadh gu seann-cheòl air an robh sibh dèidheil is sibh òg, rè na Stainge? Nach cuir sibh fios thugam air an duilleag Facebook!

29 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page