top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Scott De Buitléir / Párthas | Elysium

MKB Publications

Ri thighinn

Dealbh: Scott de Buitléir


'S e Párthas | Elysium an dàrna co-chruinneachadh aig a' bhàrd Èireannach Scott de Buitléir - leabhar dhà-chànanach le bàrdachd sa Ghàidhlig Èireannaich agus sa Bheurla. Tha cuspairean gràidh, cuimhne, fàis, chòirichean gèidh agus eachdraidh LGDTC+ rin leughadh ann agus chàidh na dàin a sgrìobhadh air gach taobh a' Chuain Shiar. Dh'iarr Scott air Marcas ro-ràdh a sgrìobhadh dhan cho-chruinneachadh is le cead an dà bhàrd gheibhear blasad air, sa Ghàidhlig, a-nseo, airson a' chiad uarach.


Scott de Buitléir Párthas | Elysium

Mar a thug Scott oirnn siubhal tro oideachadh pearsanta is foirmeil ann am Fás | Growth, cuiridh mi fàilte air Párthas | Elysium mar an ath cheum ann an leasachadh a’ bhàird. Bhon toiseach, ’s e co-chruinneachadh a tha seo a tha làn misneachd, tron a chuireas e faireachdainnean, dàimhean, poilitigs agus sgrùdadh an t-saoghail sa bheilear beò an cèill, tro dhealbhan-chamara de dhiofair àiteachan, air feadh na cruinne, air an taghadh gu cùramach

Bidh bàrdachd Scott ag obrachadh as fheàrr mar a bheir e soillse air sùbailteachd an domhain, mar a th’ ann am brisge tiom-chridheach an dàin ‘Clapsholas / Evening Light’. An-seo, tha an cànan trìd-dhealrach, mar sgàil tron an coimheadamaid faileasan taois-dhathach an t-saoghail a-muigh, mar a chruthaichear bannan eadar daoine, taobh thall uinneag a’ chafaidh.


Cuiridh Scott uile feum air fradharc, an-seo. Tha uaim fhiùranta ann an ‘Gardening’ is nas mèithe, tuilleadh, caignichte le tilleadh co-fhuaimneachd ann an ‘Garradíodóireact’. Gabhaidh am beul ris an fhillteachd, ga leughadh gu h-àrd. Bidh fuaimreagan cruinn, sòghmhor, a’ fuasglan mar bhileagan nam blàthan, gur tàladh a-steach do shaoghal a’ bhàird.


Ann an ‘Rainbow’ chleachdar claistneachd airson ceumannan-chois is farram earraigiseach aig Caismechd Pròise ann an Beul Feirste a thoirt an cuimhne, ann an co-chonntarachd fheadan is dhrumaichean. Ann an ‘Thread’, ’s e claban an inneil-fhuaigheil a chluinnear, mar a ghlèidheas an t-aodach, ga fhighe a chèile, an dàimh a dheachd a’ bhàrdachd. Mar a bhios nàdair an t-sluaigh-ghairm air dàin leithid ‘Rainbow’ is ‘Flag’, a bhruidhneas os àrd ri luchd-leughaidh iar-mhìl-aoiseach, ’s iad a nì ath-aithris dìth coimhearsnachd - an dà chuid pearsanta agus poilitigeach.

’S e bàrdachd a tha seo, a tha làn de dh’earbsa sna tha ri theachd

Tha cuisle de Chaitligeachd chultarach, seach phearsanta, ri leughadh air fad, ged as co-shìneadh a rinneadh leis a’ cho-sheòrsachd so-lèirsinneach lìonmhor ann. An-seo, thèid ceistean a thogail is còmhraidhean a thòiseachadh. Mar sin, ’s e bàrdachd a dhiùltas gnàth-theagasg cràbhaidh, ged a ghlèidheas e gu leòr de dh’ìomhaigheachd bhrìoghmhor. Mar an ceudna, gabhaidh i ri rudeigin a rinn a ro-làitheachadh. Thèid na aosta a chumail air adhart, tron dà chànan, is a-steach gu mòmaid ro cho-aimsireil.


Tha sin san uisge, cuideachd, a chìthear am measg nan duilleagan seo, uair is uair eile, gun stà ach gus an craiceann a ghlanadh, no an inntinn, fiù, de dh’fhèin-fhiosrachadh pianail. Cuideachd, bheir e sinn còmhla ris a’ bhàrd, eadar costachan agus, tric, tha sinn gar teumadh a leum a-steach, ri snàmh ris an t-suail. San aon dòigh, tha dinnseanchas meata-nòsach aig ‘Máthair m’ Anama / Soul-mother’, far a bheil Baile Àtha Cliath gèidh ga chur romhainn, ri linn Grindr is PREP. Tha gu lèor ‘stunners’ is ‘twinks’ ann, ach taobh thall a’ chathair-bhaile Èireannaich, ’s bitheanta a bhios an fhìrinn brùideil. Seo bàrd nach dèan teannachadh a chainnt.


Gu dearbh, dhomh-sa dheth, ’s e an guth fhèin a nì seinn. Tha gainnead sguabanta na Ghàidhlig Èireannaich, mar a chluicheas am bàrd sa Bheurla le cliché agus mith-chainnteachas

Tron cho-chruinneachadh, leughar ionraice is geur-labhairt fèin-ailseach a' bhàird gu minig agus - rus as iomsgarach ro aodann poblach Scott, am proifeasantach, an raconteur air RTÉ Pulse. ’S ann le cinnt gun tug greis mhòr de phreasantadh buaidh air a’ ghuth bhàrdail, ach far am bi an sgrìobhadh a’ teannachadh ris na rosgail agallach, nì e volte face, cha mhòr, a’ cur nar cuimhne gur h-i, san dà-rìribh, bàrdachd a tha seo. Air a lìbhrigeadh le guth ùr, seo co-chruinneachadh a dh’aithnicheas fìorachachd dà-chànanachais dhùthchasaich ann an Èirinn an là an-diugh agus, air a’ cheart seòl, a dh’ioma-ghlacas seo, gu lèir. Mar sin, is dòcha gum toir e filíocht as Gaeilge falbh leis a’ mhòr-chuid, tron mhodh-fhoillseachaidh seo.


Ann am Párras | Elysium, bidh Scott a’ sìor-chagarsaich nur cluais. Tha corra rud dìomhair, rudan eile nam frachail shaoghalta, a-rèir choltais, mus tigear dhan loidhne mu dheireadh, far an ginear an ceangal leis an leughadair fhèin. Gun còrd am faireachadh ribh.


Dealbhan : MKB Publications / Stephen O'Connor / Justin Utley


An Aghaidh na Stainge


Bidh Scott as' grìobhadh rosg is eachdraidh-beatha, cuideachd le The Irish Outlander ri leughadh air Smashwords is bheir sùil air dòighean a bhios diaspora na h-Èireann a' cumail dlùth an dàimh, fhad 's a bhios iad air falbh. An-sin, cuideachd, gheibhear Yesterdates, cruinneachadh de sgeulachdan gràidh is deitidh sa cholbh aige don iris LGDTC Polari. Rè na stainge, tha e a' deiseileachadh a' cho-chruinneachaidh bàrdachd ùir agus nobhaileag sa Bheurla air a bheil Forgiving Jake. Bidh e a' fuireachadh ann an Corcaigh, far a bheil e an-dràsta, a' sgeadachadh taighe ùir, còmhla ri a chàraid, Stephen. Faodar am blog aige a leughadh, fodha.





46 views0 comments

Recent Posts

See All

Comments


bottom of page