top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Mo Cheol Thú

Seán Ó Dubhchon / Raidió na Life



Am mìos seo fhuair mi cuireadh aig Seán Ó Dubhchon a bhith nam aoigh air a' phrògram soirbheachail aige do Raidió na Life ann am Baile Àtha Cliath - Mo Cheol Thú. Coltach ri Desert Island Discs, a tha air a bhith na phàirt de bheatha craoladh na Breatainne o chionn 1943, bheir am prògram cothrom do dhaoine aithnichte beatha a chur an cèill tro cheòl, a' sònrachadh nan òran as motha a thug buaidh orra. An-uiridh, thòisich BBC Radio nan Gàidheal an t-aon fhòrmat a chleachdadh airson prògram Mo Chuairt Ciùil a chur mu sgaoil. An-sin, gheibh sibh cothrom air beatha-ciùil a chluinntinn air leithid Jennie Duncan, Catherine Tinney, Ellen NicDhòmhnaill is Ingrid NicEunraig.

Is craoladair, sgrìobhaiche is tidsear bun-sgoile a th' ann an Seán Ó Dubhchon, a bhuineas do Chontae Dùn nan Gall. Ach, bidh Seán ag obair air feadh nam meadhanan Gàidhealach, ann an Èirinn, agus a ghuth ri chluinntinn air iomadh prògram air RTÉ Raidió na Gaeltachta, agus an stèisean aige fhèin -

Raidió Rí-rá - far am bi e a' cumail sàr thaic ri ceòladairean nam mion-chànanan. Sgrìobh Seán an dràma rèidio 'Iris Aniar' o chionn ghoirid.


An-seo, bidh mi a' dol tro na h-òrain a thagh mi, gus beagan innse dhuibh air a' bhuaidh a thug iad air mo bheatha fhèin.


Amy Nuttall / Scarborough Fayre


'S e an t-òran seo a' chiad chuimhne a th' agam air ceòl san fharsaingeachd is mi mu bliadhna gu leth. Bhiodh m' athair ga sheinn gus mo chur gu cadal agus tha cuimhne leam e ga sheinn anns an t-seann thaigh a bh' againn ann am Bishopthorpe. Bhithinn mu bhliadhna gu leth is e a' coiseachd leam, timcheall làr mo sheòmair gus sgìths a chur orm, lem làmh na làimh.


Thagh mi dreach an òrain seo, chionn 's nach ann tric a bhios tu ga chluinntinn air a sheinn le cuid à Siorrachd Eabhraig fhèin. Tha Amy am measg an luchd-ealain as cliùitiche ann san sgìre, air sgàth is gun robh i ann an Emmerdale, fad iomadh bliadhna.


Maura O' Connell / Shades of Gloria

Buinidh an teaghlach do dh'Èirinn air an dà thaobh. Rugadh mo sheanmhair, màthair m' athair, ann an Baile Àtha Cliath is bhiodh i a' teagasg òran dhomh air a' phiana, mar Raggle Taggle Gypsies is eile. Buinidh taobh mo mhàthar do Choillte, Contae an Chlair.


Rugadh mo sheanair ann an Dùn Chathair fhèin, ann an Cionn t-Sàile, oir bha mo shin-sheanair na sàirdseant meidsear anns na Royal Munster Fusiliers. Rugadh a bhean ann am Coillte is bha a bràthair as sine an sàs ann an sàbhaladh sheòladairean an Leòn XIII. Tha ainm air a pheantadh as Gaeilge mu shiomalair Eaglais Reul na Mara an-sin. Bheir an t-òran seo orm smaointinn air sgeulachdan mu dheidhinn mo shin-sheinmhar. Ghabh a h-athair am bogsa-siognailidh is làimh, faisg air Seafield air rathad-iarainn Contae an Chlàir an Iar. Bhiodh i ag innse sgeulachdan mu bhith a' ruith an rèile cas-ruisgte le a bràithrean is a' fosgladh a' gheata airson na trèanaichean.


Clannad / Newgrange


B' ann aig Clannad a bha a' chiad chuirm-ciùil agam ann am Barbaican Eabhraig is b' ann an sin a chuala mi cànan Gàidhealach air a sheinn gu beò airson na ciad uarach. Bhiomaid tric a' dol gu consairtean aig na seinneadairean Èireannach gus taic a chumail riutha. B' ann tron linn fhìn a mhothaich sinn gum b' urrainn dhuinn bhith moiteil à féin-aithne Èireannach son na ciad uarach, is dòcha, às dèidh bhliadhnaichean de No Blacks, No Dogs, No Irish. Bha sinn mar theaghlach air ar beò-ghlacadh le ceòl Èireannach aig an àm sin. Folk, Trad, Pop, Rock gach rud.

Thug Clannad, is gu seachd àraid an clàr aca Sirius buaidh mhòr air mo chuid ciùil, nuair a bha mi a' beachdachadh air òrain Speactram a chur ri chèile. Bha i am measg na ciad fheadhna a mheasgaich ceòl dùthchasach na h-Èireann, le fuaimean an là a bh' ann. Tha iad am measg nan còmhlan a fhuair soirbheachas sna h-80an a thug buaidh air a' chlàr air fad.


Mary Black / Babes In The Wood


Theirinn gun cuala mi guth Mary cho mòr is a chuala mi guth mo mhàthar fhèin san taigh is mi ag èirigh suas. Chaidh sinn gu consairt aice son mo cho-là-breith nuair a bha mi sa bhun-sgoil. Cha d' fhuair i an litir a sgrìobh Mam thuice sgiobalta gu leòr airson òran a sheinn dhuinn ach leig i leinn dol backstage gus coinneachadh rithe, is ris a' chòmhlan-ciùil aice. Dh'innis i dhuinn mun chloinn aice a bha mun aon aois aig an àm. Dh'fhàg i pòg air mo ghruaidh san dealachadh is rinn mise 'uuuurgh mòr' - rud a thug gàire air Garvan Gallagher is Delcon Sinnott is iad ag ràdh 'uuuurgh uuuurgh uuuuuurgh' cuideachd. Is èibhinn na rudan beagan a chuimhnicheas tu!


Chan urrainn dhomh mo sgeul ciùil innse às aonais iomradh air Mary is a cuid ciùil. 'S e as motha a thug buaidh orm is an dòigh aige òrain sgrìobhte le sàr bhàird a roghnaich i a chur an cèill. Sin agad sgil air leth a tha ri chluinntinn aig grunn bhana-sheinneadairean Èireannach an linn sin - Mary, Maura is Frances Black nam measg.



Runrig / Abhainn an t-Sluaigh


'S ann le seo a' chiad trup a chuala mi a' Ghàidhlig Albannach. Bhiomaid ag èisteachd ri ceòl sa charbad, a' dol dhan sgoil. Bhiodh caraidean mo phàrantan a' dèanamh leth-bhreacan de theipichean dhuinn is 's cuimhne leam a bhith ag èisteachd ris an òran seo ann am pàirc nan carbadan, taobh a-muigh na sgoile, air dheireadh is fada às dèidh a' chlaig oir bha againn ri èisteachd ris uair eile.


Bha mise am measg an t-sluaigh a nochd aig Caisteal Shruighlea gus soraidh slàn fhàgail aig Donnie, Bruce, Ruairidh is na gillean air fad. Is dòcha gum b' e seò am Mòd a bu mhotha a bh' againn riamh agus Gàidheil às gach ceàrnaidh air an toirt còmhla gus taing a thoirt dhaibh airson gach rud a rinn iad gus cànan is cultar na Gàidhlig a chumail air beulaibh a' mhòr-shluaigh.



Eternal / Just A Step From Heaven


B' ann aig a' bhun-sgoil a thòisich mi èisteachd ri ceòl pop. B' ann anns na 90an a bha tòrr deagh chiùil aig seinneadairean dubha, ri linn nam MOBOs is eile. 'S e theirinn-sa is gur ann le Easther Bennett ann an Eternal tha an guth as fheàrr a thàinig am follais anns an RA riamh. Air m' onair!



Cha robh an sgoil furasta dhomh idir. Bha mi fo làimh làidir nam burraidhean is bhithinn gam ghlasadh nam sheòmar-cadail, ag èisteachd ri ceòl is a' seinn gus cuidhteas dhe mo bhròn fhaighinn. Ach anns na còmhlain-chiùil mar Eternal, chunna mi gun robh e ceart gu leòr a bhith eadar-dhealaichte.


Thar nam bliadhnaichean, às dhèidh dha na boireannaich slighe ùr a thogail, tha Kéllé Bryan air cliù mòr a chosnadh mar bhana-chleasaiche agus òraidiche. Ri fhaicinn air pannal Loose Women tha Kéllé air obair mhòr cùisean mar ghràin-chinnidh a thoirt am follais. Abair bana-ghaisgeach!



Sugababes / Angels With Dirty Faces


Bha cùisean na b' fheàrr anns an VI Form. Bhiodh stereo againn san t-seòmar chumanta agus sinn ag èisteachd ri ceòl. Is cuimhne leam, nuair a thill na Sugababes, is bha mi beò-ghlacte ris a' chlàr seo. Thagh mi deep cut, ach tha a' bhàrdachd iomchaidh. B' ann mar sin a bha mise. Bha feusag orm mu thràth is mar sin leigeadh daoine a-steach mi gu bàraichean is clubaichean-oidhche. Fhuair mi saorsa ann an dannsadh is air an t-saoghal inbheach, far nach d' rinn e diofair is gun robh mi gèidh. Bhiodh oidhche ghèidh aig club-oidhche Toffs ann an Eabhraig, air oidhche Dhòmhnaich is bhithinn a' dol ann le caraidean bhon taigh-chluiche, far an robh job beag agam. Nuairsin, a' dol dhan sgoil air madainn Dhiluain le ceann-daoraich orm. Obh obh!


Frances Black / When You Say Nothing At All


Chaidh mi gu cuirm-ciùil aig Frances nuair a bha mi nam oileanach ann an Obar Dheathain. Bha i sgoinneil is chur i fiathachadh ro chuid bhon luchd-èisteachd an t-òran seo a ghabhail leatha. Uill, ciamar fo ghrèin a dhiùltainn cothrom seinn le bana-ghaisgeach mar Frances?! Sheinn mi air an àrd-ùrlar son na ciad uarach le Frances Black!!! Ach le sin, mhothaich mi gun robh guth agam is bha nàdar fiosa agam gum b' urrainn dhomh bhith nam sheinneadair cuideachd.


Ach, 's e an rud as cudromaiche is gun do bhruidhinn Frances ma cuid stuamais is an obair a rinn i le RISE. B' e fosgladh sùla dhomh is nuair a mhothaich mi mo chuid alcolais, bliadhnaichean às dèidh sin, thill mi gu faclan Frances is a' bhuaidh a thug iad orm. Tha Frances a-nis ri faicinn anns an t-Seanad, a' cumail taic ri daoine do leòn is a' strì an aghaidh ro-dhèidhealachd na dighe. Abair bana-ghaisgeach!



Mary Ann Kennedy / Grioglachan


Tha Màiri Anna air buaidh mhòr a thoirt air mo chuid ciùil, mar stiùiriche Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis, mar dlùth-charaid is mar chuid a tha an sàs ann an nuadhachadh an traidisein Ghàidhealaich, an-seo an Alba. Sgrìobh mise bàrdachd an òrain seo, nuair a fhuair co-ogha Màiri Anna - Magaidh Hearach bhon chòmhlan Cliar - bàs ann an 2016 le aillse. Bha Magaidh na phàirt mhòr den chòisir is sheinn a' Chòisir air a' chlàr seo aig Màiri Anna.


Nuairsin, sheinn mi an t-òran seo ann an co-fharpais an t-seann-nòis aig Mòd 2019. Bha mi airson sealltainn gun robh àite do luchd-labhairt ùra, a dh'ionnsaich an cànan, agus òrain ùra am measg an traidisein is anns a' cho-fharpais. Cha do shoirbhich mi, ach sheinn mi an t-òran cho math a b' urrainn.

Rachel Walker / Là Luain


Tha Raonaid na dlùth-charaid cuideachd, rud a dh'fhàs eadarainn tro bhith ag obair còmhla is tha sinn air grunn òran a sgrìobhadh le chèile. Seo an t-òran as motha a ghlac aire dhaoine, theirinn-sa.


A-rithist, 's e pribhleid a bhith ag obair le sàr cheòladairean mar Mhàiri Anna is Raonaid ach cuideachd an dòigh a bhios iad gam fhaicinn mar neach-ealain co-ionnan agus sgeulachd agam ri innse.





Tha sin na rud mòr do chuid a chaidh a-steach dhan chànan is chultar acasan bhon taobh a-muigh ach tha an t-òran na shamhla de na rudan as motha a thug a' Ghàidhlig dhomh. Cànan cruthachail, ceòl is càirdeas.



An Aghaidh na Stainge

Tha Louise, a bha an sàs ann an Eternal, gus a bhith a' tilleadh am bliadhna le clàr Greatest Hits ùr. Bheir an clàr a-staigh na h-òrain shingilte aice, o rinn i sgaradh on chòmhlan a-mach. Às dèidh greis air falbh bho cheòl, thill Louise ann an 2020 leis a' chlàr Heavy Love.


Mar sin, bidh measgachadh ri chluinntinn air a' chlàr, a' tort a-steach nan òran as motha a chòrd rinn anns na 90an, a bharrachd air òrain nas ùra. Nam measg, ath-thionndadh a thug i air òrain ciad chlàr Eternal, san robh i an sàs. Chuir i dreach ùr air 'Just A Step From Heaven' an t-seachdain-sa. Foadaidh sibh ro-òrdan a dhèanamh air a' chlàr, an-dràsta fhèin.




25 views0 comments

Recent Posts

See All

header.all-comments


bottom of page