Marcas Mac an Tuairneir

Mar 18, 20201 min

An Aghaidh na Stainge

Ealain na Gàidhlig / Ealain sa Ghàidhlig

le Marcas Mac an Tuairneir

Dè a nì thu, ma bhios tu ann an staing?
 

 
Coimhead ris na ballachan, an dòchas gun tig rudeigin às na speuran?

Ann an 2020, le margaidhean loma-làn de bhathar cruthachail, feumaidh luchd-ealain dòighean ùr is ùr-nòsach a chur air dòigh gus an cuid obrach a chumail ro luchd-amhairc, luchd-èisteachd is luchd-leughaidh.
 

An aghaidh na stainge, tha mi a' fosgladh slighe ùr dhuinn.
 

A bheil thu an sàs ann an ealain na Gàidhlig agus a' sireadh dòigh do chuid obrach a chur air beulaibh shluaighean?
Seo do chothrom. Cuir fios thugam.

A' cleachdadh ghoireasan is chriomagan a tha rim faotainn air-loidhne is tron phost fhad 's a tha mi ri fèin-iomallachd, tha mi an dùil a bhith a' foillseachadh agallamh, lèirmheas no ro-shealladh ealain, gach là. Leis an sgrìobhadh ùr seo, bidh mi a' sealltainn nan dòighean ioma-fhillte a bhios luchd ealain na Gàidhlig a' freagairt an t-suidheachaidh èiginnich seo is a' toirt sùil air na tha iad air cruthachadh gu ruige seo, gus am faighear cothrom fhaicinn, a chluinntinn is a leughadh a-rithist.

~ Marcas

    680
    0